Skip to main content

‹‹‹ prev (36)

(38) next ›››

(37)
[ 33 ]
fa-leth, iad da choinneachadh sa' Ghleann air an latha
shònraichte, Bha Tighearna Chlann-RaonaiU mu'n àm
so air tighinn dachaigh as an Eilean-Sgiathanach agus
thòisich e air cruinneachadh a chuid daoine fèin.
Air an aon-latha-diag de mhìos dheireannach an
t-f~àmhraidh, ghluais Tearlach bho thaigh Bhòrghadail.
gu taigh Clieann-Loch-Mùideart a bha ma ma thuaiream
seachd mil' a dh' uidhe à Bòrghadal dh' fhan e' an siu
gus an t-ochdamh latha diag, agus an sin chaidh e ann
am bàtagutaigh Ghhnn-Ealadail, àite còmhnaidhuachd-
arain eil de Chlann-Dòmhuill, ri taobh Loch-Seile. Dh-
f hàg e Gleann-Ealadail air an ath mhadainn le coig thar
f hichead fear anu an tri bàtaichean, agus chaidh iad air
tir air taobh sear Loch-Seile faisg air an àit' anus an,
robh e gu shuaicheantas a thogail.
Bha nam Fineachean a nis a' cruinneachadh gu bràs
asgach taobh, agus chìte prasganan dhaoine fo'araiachd
a tional as gach àird, a' gearradh aithghearra-talmhainn
thar mhonaidhean, a's bhealaichean gu Gleann-Fionain,
ma aon uair sa' mhadainn raiuig Tearlach fèin agus a
cuid uaislean an Gleann. Thuit a mhisneach gu làr,
cha d'fhuair e roimhe achmathuaireamceudfear-feachda
agus na h-urraid de mhnathan sa' chlann a chruinnich
gu sealladh dheth a mhòrachd f haicinu. Fa-dheoigh, ma
uair an deigh mheadhon latha chualas creagan dà-thaobh
a Ghlinne, a co-fhreagairt do sgal nam feadan, agus do
thòrman nan dos; agus m'a chairteal na h-uarach chunn-
cas a tighinn thar fàireadh, bho sheachd gu ochd ceud
Cam-Shronach na'n làn àrmachd agus nan deiseachau
ballabhreac, deich pìobairean fichead a' cluich ''Cruinn-
eachaclh nan Cam-Shronach" agus dà f hichead fear dheth
an àrm-dhearg, a cheap iad m'an 'Chorpaich aca gau

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence