Skip to main content

‹‹‹ prev (28)

(30) next ›››

(29)
chaidli Tighearna Chlann-Raonaill, agus Tighearna
Locha-Muideart a ghairm sios " fo bhòrd " far an robli
am Prionns', agus dh-innseadh dhuiniie nach faiceadh
sinn a mhòrachd air an f hreasgar sin.
Thoisich Tighearna Chlainn-Raonaill air cuir an ceiU
do Thearlach cho mi-choltach sa' bhiodh e dhaibh toii^-
cachadh air cogadh, thuirt a charaid Tighearna Locha-
Mùideart an nì cianda ach thoisich Tearlach air am
brosnachadh suas le binn-bhriathran fìleanta, deas, gum
bu chòir dhaibh am Prionns', agus an caraid fein a
chomhnadh au àm foirneart, ach le fior briathran blatha
nach bu chearbaiche na sin chuir an dithis Thighearnan
òga iompaidh air-san, gun e bhi cho bras ann an gnothach
cho cudthromach, nach biodh ann an eirigh a mach an
aghaidh feachd Rioghachd le prasgau de shluadh gun
ionnsachadh ann an cleasan an airm, agus gun oifigicli
earbsach agus armachd cheart, ach lèir-sgrios obann a
thoirt a' nuas air ceann gach neach a tharladh na
leithid de chumasg gun chiall ; air dha na daoin-uaifel' a
bhi mar so a comhradh, thainig Gàel òg dealbhach na
làn armachd gu bòrd agus sheas e balbh ag eisdeachd
le geur aire, conaltradh nan uaislean ris a Phrionnsa
b'e 'n t-òganach so a thainig tànaisdear Thighearna
Chinn-Locha-Mùideart, a thainig a dh'amharc na luinge
gun f hios aige ro-laimh co bhà air bòrd. 'Nuair a thuig
e gum b'e 'n coigreach a thainig a nuadh do'n tir òiglire
rìoghail, dhgheach Bhreatuinn, agus a chunnaic e
nach rachadh a cheann-cinnidh no a bhrathair a chog-
adh na aobhar, chaochail e snuadh làs a shùilean na
cheanu agus dh'fliàisg e ceann a chlaidheimh na dhòrn :
an siu thug Tearlach an aire gu'n robh bruaillean air
aigneadh, agus labhair e ris mar so, — " Nach èirich

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence