Skip to main content

‹‹‹ prev (23)

(25) next ›››

(24)
[ 20 ]
lach cùig mìle pund Sasunnach leisna cheannaich e cùig-
ceud-diaggunna-glaice, agus ochd-ceud-diag claidheamh
maille ri rud math fùdair, peileirean, sporun, biodagan,
agus fichead gunna mòr. An nise rinn Tearlach gach
ni deas air son " Taisdeal nan tonn dù-ghorm," agus
na daoiu' uaisle so mar ris ; a chiad f hear as còir dhomh
ainmeachadh Dìuc AhhaU [a theich a Shabh an
t-Siorraimh sa' bhliadhna 1715, agus a bha mu'n àm sin
'san Fhràing air fògradh, ni a chum e bho shèilbh f haotainn
air oighreachd athar a thug Righ Seòras seachad da
bhrathair a b' òige.] B'e càch — Slr Tòmas Seridaìi'^
Sir lain DòinhnuUach, oifigeach a bh' anns an arm
Spàinteach, — Mr KeUy, miuistear Sasunnach, agus
0' Suilihhan, oifigeach Eireannach a bh' anns an arm
Fhràngach — Mr ;S'<r^c?an(i,duin'-uasal Sasunnach, agus
Aonghas DòmhnuUach, tànaistear Thighearna Chinn-
Locha-Mùideart a bha na Bhancair ann am Pdrais. Ma
sheachd uairean 's an fheasgar, air an darra latha thar
fhichead de dharra mios an t-Sàmhraidh, 's an tsheana
chuuntais chaidh am Prionnsa agus an t-seachdnar
dhaoin'-uaisle dh' ainmich mi air bòrd an DouteUe, long
bheag chogaidh a f huair e bho cheanuaiche Fràngach,
da'm b'ainm Bhailsh.
Air dhaibh gach goireas a nis f haighinn air dòigh,
sheòl an DouteUe, agus long-chogaidh eile da'm b' ainm an
Ealasaid, a bha giùlan armachd agus treathlaich-chòmh-
raig a' Phrionns', air an dara latha do threas mìos
an t-Sàmhraidh, Air an cheathramh latha dhaibh air
fàirge thainig long-chogaidh Shasunnach nam fradharc,
agus loisg an Ealasaid oirre, ach mliarbh an nàmhaid ma
thuaiream da-fhichead fear de làmhan na h-Ealasaid,
agus rinneadh uidhir dhochainn air a crannaghail 's gum

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence