Skip to main content

‹‹‹ prev (809)

(811) next ›››

(810)
752 CARAID NAN GAIDHEAL.
ceiid oìdhirp na feadhnach so an eaglais shindhichte
a tliilgeil bun os cionn, agas nia blmadhaicheas so,
èiridh iad an aghaidh na Sàbaid, agus thig iad ceum
air cheum gu losgadh a' BhìobuiU. Cha-n 'eil mise
'g ràdh gu-m bheil an eaglais shuidhichte coi'honta,
agus nach gabliadh i atharracliadh a dheanamh
oirre ann an cuid de nithean — ach so deir mi, 's an-
aoibhinn dhuinne 'n latha thuiteas i ! Cha tuìt i
leatha fèin — tuitidh iomadh sochair eile agus iomadh
beannachadh eile 'n a cois. 'S an-aoibhinn do dh'-
Albainn an latha chuirear an tuadh ri bun na
craoibhe, a tha gu h-àrd agas gu h-àhiinn 'n ar
dìithaich — aig an robli duiUeach chum slàinte agus
meanglain chum fasgaidh! Nar leigeadh Dia gu-m
fciiceamaid i air a gearradh sìos, agus na measan o'n
robh sinn a' faighinn àraich air an cur gu neo-ni le
innleachdan nan aingidh! Faodaidh iadsan aig am
bheil stiiiir na rìoghachd 'n an làimh an eaglais a
thilgeadh a mach, a cur thar cliathaich na luinge,
ma cheadaicheas Dia 'n a chorruich dhoibh sin a
dheanamh. Faodaidh iad a cur a mach fo bharail
gu-m bheil i 'n a luchd trom, gun fheum; agus anns
a' bharail gu-n snàmh an long, agus gu-n seòl i na's
eutruime as a h-eugmhais. Cuireadh iad a mach i,
ach cha tèid i fodha: tha mòran de chrann-ceusaidh
an t-Slànuighir innte, agus cha tèid sin fodha 's an
fhairge a's buaireasaiche. Faodaidh iad a cnr a
mach — ach tamuU beag agus tuigidh iad nach
cudthrom gun fheum ris an do dhealaich iad — ach
chichan luachmhor a chàireadh 'n a h-ùrlar le làmli
an eòlais, a shocrachadh na luinge agns chum a
cothromachadh ann am bruaillean nan tonn. Cuir-
eadh iad a mach i — ach tuigidh iad ann an hine
ghoirid gu-n do dheakiich iad ris an ni sin a thug
air an luing a siùil àrd' a ghiùlan gu buadhar, 'n

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence