Skip to main content

‹‹‹ prev (756)

(758) next ›››

(757)
CARAID NAN GAIDHEAL. 699
anns a' phailteas a's mò ? Nacli faic thu e 'boills-
geadh anns na glinn ìosal, agus a' s,i!:aoileadh a
mach raar chuan farsuing de sheudan àillidh air an
f haiche ìosail, 's air na raointean còmhnard : ach
ma dhìreas tu suas gus na stùcan àrda, 's na
beanntan cas', an sin cha-n 'eil an drùchd r 'a
f haotainn. Esan leis am b' àill feartan an Spioraid
'f hiosrachadh 's èigin da irioslachd altrum 'n a anam.
'Mach as an doimhne ghairm Daibhidh air Dia —
" Ge h-àrd lehòbhah seallaidh e,
Air daoine umhal còir ;
Ach 's lèir dha 'n dream ud fad' o làìmh
'Tha làn de 'n àrdan mhòr."
Tha Dia a' gealltuinn gu-n gabh esan còmhnuìdh
maille ris-san a tha iriosal agus leònta 'n a spiorad,
a bheothachadh spioraid na muinntir iriosal, agus
cridhe nan daoine leònta.
Tha 'n dealt nèamhaidh a' braonadh a nuas o na
h-àrdaibh ge b' e àit' am bheil gleann na h-irioslachd
— anam bochd, tùrsach, falamh, fann ; sin an t-àit'
anns an dean Dia e fèin aithnichte ann am feartan
sòlasach an Spioraid.
Mar a thuiteas an drùchd ann an sàmhchair
chiìiin na h-oidhche 'n uair nach 'eil doinionn, no
gaoth àrd, no torrunn speur, no dealanach, gidheadh
's a' mhaduinn, chithear e air bàrr gach feòirnein,
air duilleig gach blàth, 's gach craoibhe, 's cha-n
'eil f hios cia as a thàinig e ; mar sin tha dòighean
an Spioraid. Cò 's urrainn 'innseadh cia mar a tha
e 'teachd a dh' ionnsuidh an anama, 's 'g a bheotli-
achadh? Tha so mar dhìomhaireachd dealta na
h-oidhche. 'Am bitheantas thig e 'dh'ionnsuidh
an anama ann an sàmhchair, gun ghuth bho nèamh,
^"n taisbeanadh air bith a chithear leis an t-sùil.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence