Skip to main content

‹‹‹ prev (752)

(754) next ›››

(753)
CARAID NAN GAIDHEAL. 6^0
nèimh o 'n àirde." Agiis gu tric tha sochairean
spioradail air an leigeadli ris dhuinn mar ann an
Deut. xxxiii. 28, far am bheil e air a ghealltuinn do
Israel — " Bithidh tobar lacoib air fearann arbhair
agus fìona ; mar an ceudna silidh a nèamhan a nuas
drùchd." Agus tha e air a ràdh ann an àit' eile
a thaobh theagasgan spioradail — " Tuitidh mar an
drùchd mo chainnt; mar mhìn-uisge air an lus
mhaoth, agus mar fhrasan air an fheur." Tha 'n
drìichd gu bitheanta air a chleachdadh mar shamh-
ladh air sìth — tha Salmadair Israeil ag ràdh : —
" Mar dhealt air Hermon, 's mar an drùchd
Air slèibhtean Shioin shuas,
'N sin dh' òrduich Dia am beannachadh,
A' bheatha shiorruidh bhuan,"
Do chlann Dhè iad fein, a tha air an ùr-bhreith
'n àirde, tha'n dealt air a thoirt mar sheilbh, do
bhrìgh gu-m bheil gath de sholus diadhaidh a'
deah-adh umpa, agus ìomhaigh Grèine na f ìreantachd
a' soiUseachadh annta. Tha iad àiUidh mar sheudan
prìseil, agus tha 'n t-àm a' teachd anns am bi iad
llonmhor mar dhriichd na maidne nach urrainnear
àireamh. Mar so tha e air a ràdh mu 'n dèidhinu : —
" Am mais' 's an sgèimh na naomhachd ghrinn,
bholg na maidue moich ;
Mar dhealt a thig a nuas o nèamh
Tha d' òigridh iomarcach."
Gu ro thric tha 'n Spiorad Naomh le 'fheartaibli
buadhmhor anns an anam air a choimeas ri drùchd,
oir tha esan do 'n anam thartmhor mar tha 'n
dealt, 's na frasan ciùin' do 'n mhachair sheargta.
Anns a' ghealladh so a thugadh do Israel leis an
fhàidh Hosea, tha e air a ràdh — " Bithidh mise
mar an drùchd" — 's esan a tha 'braonadh a nuas
an drùchd air an talamh ; a tha 'g ràdh gu-m bi e

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence