Skip to main content

‹‹‹ prev (674)

(676) next ›››

(675)
CARAID NAN GAIDHEAL. 617
" Clia-n 'eil, cha-n 'eil," ars' esan, " a' cliàil-eigin
a's faoine de dli'earbsa."
Bha a phàisdean beaga 'n an snain, dithis diubh
's an aon chreathailL Dhùisg an naoidhean mar a
bha 'mhàthair a' tighinn a stigh. " Dia," ars' esan,
" a bheannachadh mo bhantraich bhochd 's nan
dilleachdan !" Ghuil e. " Agus beannaichidh Dia
iad, seasaidh esan iad — bithidh e 'n a Athair dhoibh
— cha chaochail esan — cha trèig e iad gu bràtli ! "
Bha mòran seanachais agam ris, ged nach b'
urrainn esan mòran a hibhairt. Chaidh Màiri air a
dà ghlùn taobh na leapa. Phòg i 'bhathais uair 'us
uair. " Tha mise 'nis," ars' ise, " strìochdta. Do
thoil, a Dhè, gu-n robh deanta!"
Chunnaic mi gu tric 'n a dhèigh sin iad, agus
dh'fhàiltich iad mi le furan. Bha esan a' fàs na h\\
laige. Chuahi mi air maduinn Di-màirt gu-n robh
e dìreach a' tilgeadh an deò. Chaidh mi g'a amharc.
Bha e beò, agus b'e sin uile e. Bha a bhràthair
crom os a chionn 's an leabaidh, agus 'n a tliosd — a
bhean air cathair a' gul gu deurach. Labhair mi
ni-eigin r'a bhràthair a chual' e. Thuig e cò 'bh'ann.
Dh'fheuch e a làmh a shìneadh, ach cha b'urrainn
da. Chuahi mi 'osnaich. Thog mi a' phlaide, agus
ghlac mi a làmh fliuar eadar mo dhà hìimh. 0! b'i
sin an ìkmìi fhuar, an làmh gun chlì. Chuir mi
mo chluas r'a blieul.
" 'Fhir mo ghràidh," ars' esan, " bha thusa ann ad
charaid maith dhomh-sa. Dia g'ad bheannachadh !
Tha mise 'falbh — tha mi sona — tha mi subhach.
Faicibh Màiri bhochd cho tric 's is urrainn duibli ;
agus," ars esan, 's e 'g amharc air a bhràthair,
" Labhraibh ri Eòghan."
Labhair mi ris. Dh'fheuch mi nithean sòlasach
a chagar 'n a chluasan. Bha'n deò a' falbh, gidheadh
4i

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence