Skip to main content

‹‹‹ prev (650)

(652) next ›››

(651)
CARAID NAN GAIDHEAL. 593
ionnsuìdh-san a blia 'chòmhnuidh aig sruthan Cherit.
Cha luaithe ',£j;hlas aii latha na chluinnteadh ròcail
nam fitheach 'am rauUach nan craobh. Cha luaithe
'dhùisgeadh an duine naomh na cliitheadh e a lòn
air an làr r'a thaobh ; agus 'n uair a bhiodh am
feasg-ar a' ciaradh os ceanu a' ghlinne, thigeadh na
h-eòin cheudna air an ais leis an aran agus leis an
f heòil mar a dh' àithn Dia dhoibh ; agus thachair
so, cha-n ann aon uair, ach iomadh uair, o hitha
gu latha fad bliadhna, agus moch-thrath no feasgar
cha d' rinn iad dearmad no dì-chuimhn' air.
DKithaicheamaid ris, agus beachdaicheamaid aou
uair f hathast air na tha 'n so m'ar coinneamh ; faic
an dà eun dhubh' ud, le'n sgiathan dorcha ag iteal-
aich gu luath thar na dùthcha anns an robli dìth
agus bochdainn, a' greasad le'n uile luaths gu
gleann Cherit, a' gabhail gu h-uaimh' bhig ann an
uchd na bruaiche. Seall a stigh — ciod a chì thu?
Cha-n e nead an fhithich no an t-àl òg, ach seann
duine le 'thrusgan gaoisid m'a ghuaillibh, 's dùcha
air a ghlùinibh le 'shùil 's le 'h\imh gu nèamh,
agus ag ràdh : — " thusa, 'Thighearna 's a Dliè, a
ghlèidh mi gu ruige so, agus a thug àithne do na
fithich mo bheathachadh, gabli thusa cùram dhiom
an diugh, oir 's tu mo Dhia, agus is mise do
sheirbhiseach." Dh' èireadh e an sin, rachadh e
'mach, chruinnicheadh e connadh tioram air feadh
na coille, lasadh e teine ri taobh na creige, dheas-
aicheadh e a lòn, thairgeadh e buidheachas a rìs do
Dhia, dh' òladh e deoch as an t-sruthan ghlan, agus
bhiodh 'anam ait ann an Dia.
Agus tha Dia Ehah fhathast beò, dlùth dhoibh-
san a ghairmeas air. D'a shkiagh fèin tha e mar a
bha e riamh, 'n a dhìdean 's 'n a sgèith ; 's iomadh
dòigh a tha aige air freasdal d'a mhuinntir dhileas
4 F

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence