Skip to main content

‹‹‹ prev (557)

(559) next ›››

(558)
500 CARATD NAN GAIDHEAL.
gun bliuaidh agus am fulangas gun bhuannachrl.
Àch tha eisimpleir Chriosd a' sparradh an dleasnais
so oirnn air an dòigh a's cudthromaiche. 'S tric a
thàrr esan air falbh o ùinich dhaoine agus o othail
an t-saoghail, chum sìth agus suaimhneas'fhaotainn
ann an uaigneas na h-ùrnuigh. Ts iomadh oidhche
'chuir esan seachad a muigh air an t-sHabh, ann an
dìomhaireachd naomh, a' conaltradh r'a Athair
nòamhaidh. " Dh' èiricli e," deir Marcus, " 's a'
mhaduinn fada roimh latha; chaidh e mach, dh'-
imich e gu àite fàsail, agus ann an sinn rinn e
ùrnuigh." Ma ghabhas sinn ris mar ar Tighearna
agus ar Maiglistir, oidhirpichearaaid gluasad mar a
rinn esan, agus ùrnuigh a dheanamh mar a sheòl e.
Ach 's bochd cor an duine sin, agus is aobhar-
truais e gu dearbh, air an fhimirear iirnuigh a
sparradh mar a dhleasnas ; oir 's i ùrnuigh an
t-sochair a's tvrde 's urrainn do'n Chriosduidh a
bhos 'an so a shealbhachadh ; oir is i so a' chuibh-
rionn a's àirde d'a shonas, do bhrìgh gu-m bheil i
'g a tharruing dlùth do Dhia, agus 'g a chàrarnh
ann an co-chomunn spioradail maille ris. Is socli-
air so 'bha air a ceannach gu daor le fuil Chriosd ;
is soirbh o sin a thuigsinn cia luachmhor 's a tha i ;
oir is i so an t-saorsa cloinne leis am bheil a luchd-
leanmhuinn air am fàgail comasach air teachd dh\th
dha. So sochair a chaiU na h-anaman truaglia sin
a tha ann an ionad na dòruinn ; cha-n 'eil comas
aca teachd a dh' ionnsuidh Dhè, agus a chaoidh
cha-n èisdear an gearan bochd. Agus an e gu-n
dean sinne dearmad air an t-sochair a's prìseile tha
ao-ainn air an taobh so 'n uaigli.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence