Skip to main content

‹‹‹ prev (504)

(506) next ›››

(505)
CARAID NAN GAIDH^AL. 447
FIONNAGHAL NIC DHOMHNUILL.
(floka jiacdonald.)
Agus an iiair nacli robh dol as aige agiis e air a
chlaoiclh gu goirt, dh'earb e e fèin ri Ainnir nasail,
nach faodar ainmeachadh ach leis a' mheas a's àirde.
B'i sin Fionnaghal Nic Dhòmhnuill, nighean do
Fhear Bhaile-mhuiHnn ann an Uist a' chinn-a-deas ;
bean uasal òg, àillidh, a bha ainmeil r'a Hnn fèin,
air son gach beus a bu chKùitiche. Bha oide na
mnà uaisle so 'n a cheannard air feachd an Rìgh, a
thacliair a bhi'n Uist air an àm, agus fhuair ise cead
sgrìobhta fo a hiimh air a son fèin, a gille, agus a
searbhanta, 'chum an leigeadh tliairis do'n Eilean
Sgiathanach. B'e 'n giUe a thug i leatha Niali Mac
Eachainn, neach a b'e seanair an duin' ainmeil, an
t-àrd Cheann-feachd sin, Diùc Tharentum, a choisinn
na h-uiread chhù ann an cogadh fo Bhonaparte ;
agus b'i 'n searbhant' a thug i leatha, Prionns'
Tèarhich, ann an èideadh boirionnaich.
Dh'fliàg iad Uist 's an anmoch ann an sgoth
bhig ; bha'n oidhche dorcha, dòbhaidh ; mu ghlasadh
an là, f huair iad iad fein fa chomhair Rudha Bhatarnis
's an Eilean Sgiathanach, ach mar a bha iad dlìitli
do thìr chunnaic iad na saighdearan dearga 'feith-
eamli orra air an tràigh. Bha iad mar urchair gunna
dlioibh mu-n d'thug iad an aire ; ach cbo kiath 's a
mhothaich iad an cunnart, thill iad a mach gu fairge.
Ghlaodh na saighdearan riu iad a thighinn gu tìr
no gu-n loisgeadh iad orra, ach cha do ghabh iad
suim d'am bagradh ; loisg an t-arm-dearg orra, agus
bha na peileirean a' feadail mu-n cuairt doibh ; ach
dh'iomair an sgioba gu tapaidh, agus chaidh iad as
a' chunnart.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence