Skip to main content

‹‹‹ prev (494)

(496) next ›››

(495)
CARAID NAN GAIDHEAL. 437
air fad, acli aon triìiir. iVm feadli 's a blia iia Fin-
eachan mar so a' cur a' cliatlia, blia Clann Dòmli-
nnill 'n an tàmh — cha rachadh iad ceum air an
aghaidh. " Leanaibh mise, a Chlann Dòmhnuill,"
arsa Diùc Pheairt. " Cuiribh an cath mar bu ghnàth
leibh, agus bithidh mi 'am DhòmhnuHach ri m'
bheò;" ach cha ghluaiseadh iad cenm. Bha daoine
'n am measg aig an robh caochUidh spioraid, agus
b'ann diubh so Mac Mhic Ranuill na Ceapaich ;
curaidh cho treun 's a sheas riamh air faiche ; chaidh
e fein 's a dhaoine air an adhart gu fearail, ach cha
b'fhada gus an do thuit esan, agus mòran de na
daoine treun' a bha leis.
'N uair a b'èigin do na Gàidheil pilleadh, chuir
am Prionns' e fèin air ceann a' chuid de'n fheaclid
nach robh 's a' chath ; ach ged a thug iad tilleadh
beag air na Sasunnaich, b'èigin doibh ann an ùine
ghcarr gèilleadh. Rinn Tèaidach na dh'fhaod e a
bhrosnachadh a chuid daoine, gu aon oidhirp eile a
thoirt, ach bha'n t-àm seachad, dh'fhàs iad meith-
chridheach, thuit an inntinn, agus cha chluinnte
uatha, ach Och-òin ! Och-òin ! mo chreach, 'us mo
dhìobhail, a Phrionnsa, a ghraidh ! tha'n latha caillte.
Bha'n ruaig a nis iomlan ; ach cha b'ann gun spàirn
a fhuaradh Tèarlach o'n àrfhaich. Ghlac iongantas
cho mòr an t-arm-dearg, 'n uair a chaidh an latha
so leo, an dèigh na deuchainn chruaidh a fhuair iad,
's gur gann a chreideadh iad gu-n robh iad buadhar ;
ionnas gu-n robh iad rè seal mu-n gabhadh iad de
mhisnich na rachadh air tòir nan Gùidheal ; ach 'n
uair a chaidh, mhort agus mharbh iad gu neo-
sheachantach, gach neacli a thàinig 'n an caramh.
Cha mhòr nach do ghearradh as gu buileach an
earrann a ghabh rathad Inbhernis ; ach f huair ear-
rann mhòr eile dhiubh as, a rinn air son nam mon-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence