Skip to main content

‹‹‹ prev (486)

(488) next ›››

(487)
CARAID NAN GAIDHEAL. 429
'N uair a chual' iad 'an Sasunn mu Blilàr na
h-Eaglaise-brlce, ghhic uamhas càirdean an Rìgh,
agus air ball chuireadh a nuas Diuc Uilleam gn
bhi 'n a Cheann-feadhna air an arm-dhearg : ann
an ùine cheithir h\ithean an dèigh dha Lunnuinn
'f hàgail bha e ann an Dun-èideann ; cha d'f han e
an sin ach còrr 'us aon latha, 'n uair a ghabh e air
'aghaidh an dèigh nan Gàidheal leis gach feachd
a b'urrainn da a chur r'a chèile. Bha Tèarhich
agus a dhaoine a nis a' deanamh air son na Gàidh-
ealtachd ; cha-n ann le h-eagal roi'n arm-dhearg,
ach a chum a chàirdean a chruiuneachadh r'a cheile,
agus leis an rùn so rinn e air son Inbhernis. Lean
Diìic Uilleam e mar a b'fhèarr a dh'fhaod e. Ràinig
Prionns' Tèarlach tigh Mhic-an-Tòisich na Moidhe,
far an d'fhiosraich e sàr aoidheachd o'n bhain-
tighearna urramaich sin, a thog a daoine an aobhar
Thèarlaich, ged a bha a fear 's an arm-dhearg.
Am feadh a bha Tèarlach a' cur seachad na h-ìiine
's a' Mhoidh gun sgàth gun chìiram, bha JMorair
Loudon le mòran de'n arm-dhearg ann an Inbhernis,
agus chuir e roimhe am Prionns' a ghlacadli le feall,
fo dhubhar na h-oidhche ; ach ged a ghuàthaich e
gach seòltachd a dh' fhaod e, a chum na bha 'n a
bheachd a chleth, fhuair baintighearna Mhic-an-
Tòisich sanas air, agus cliaidh am Prionns' as an
rathad. Chuir am boirionnach misneachail so seisear
dhaoine fo riaghladh Gobha na dùthcha, a chum faire
a chumail air Morair Loudon 'us air a chuid daoine.
Bha'n Gobha 'n a dhuine foghainteach, agus ged a bu
dalma dha smaointeach air, chuir e roimhe le 'sheis-
ear f hear maoim a chur air a' Mhorair agus air a
chòig-ceud-deug saighdear ; agus an uair a thàinig
an t-arm air an aghaidh, air do'n oidhche 'bhi dorcha,
shocraich an Gobha a chuid daoine cho iomchuidh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence