Skip to main content

‹‹‹ prev (472)

(474) next ›››

(473)
CARAID NAN GAIDHEAL. 410
mhor; bha 'sliùil ghorm gu th\th, Hontach. Ann
an aon fhocal, bha e ro àiUidh, gun chron cumaclh,
mn shò troidhean air àirde ; gu cruiun dealbhach,
a' nochdadh gu'n robh e gu hiidir, fulangach. An
dèigh dha cothrom a thoirt do'n t-shiagh air beachd
a ghabhail air, glduais e a chum na Lùchairt, air a'
cheart slighe air an deachaidh Rìgh Deòrsa IV. a
clium an ionaid cheudna, seachd-bhadhna-deug agus
trì fichead 'n a dhèigh sin.
Do reir coslais bha'n shiagh mòr a chaidh a mach
'an còmhdhail Thèarhiich, ro shòlasach 'fhaicinn.
Chunnaic muinntir Dhun-èideann, 'n ar latha 's 'n ar
cuimhne fèin, Piìgh Deòrsa ag imeachd do'n àite
cheudna, agus dh' f hàiltich iad e mar a bu chubhaidh
dhoibh le deahis àrd. Air an là 's an d' fhosgail
Lùchairt nan Rìgh a dorsan aosda a chum esan a
ghabhail a stigh, cha robh neach a' tagradh a chòr-
ach ; agus b'e guidhe gach duine 'an Albainn, Dia g'a
bheannachadh. Bheachdaich gach sùil le h-urram
agus iongantas air anPiìgh a b' àirde agus a bu chumh-
achdaiche air thalamh. B' esan gu'n teagamh an
Rìgh hxghail, agus dh' innis an cinn agus an tuigse
dhoibh gur ann dha-san a bhuineadh an righ-cholbh,
agus crùn Bhreatuinn. Ach Tèarhich òg Stiìibhart,
mar a d' aidich an cinn gu-m b'e oighre Bhreatuinn
e, dh' aidich an cridheachan e. Thàinig e 'nis 'n am
measg, 'n a ghaisgeach curanta, flathail, le buidheann
do laoich fhoghainteach nach strìochdadh. Mi-
shealbhar 'n a òige, chunnaic iad e 'nis a' toirt oidh-
irp àrd, chunnartach a chum cathair a shinnsir a
chosnaclh. Shochd nan Rìghrean, is tric a threòraich
Albainn gu bhxr, 's gu buaidh, cha b' loghnadh ged
a lìib a' liughad cridhe leis, agus ged a thàirngeadh a'
cho liughad claidheamh as a leth. Ma dh' f hàiltich
muinntir na h- Alba Rlgh Deòrsa le h-urram af^us meas

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence