Skip to main content

‹‹‹ prev (464)

(466) next ›››

(465)
CARAID NAN GAIDHEAL. 407
cogaìdh, agus a rlnn e air son Gàidhealtaclid na
h-Alba, a chum oidhirp a thoirt air rìoghachd 'athar,
's a shean-athar, agus an teaghlach rioghail a
ghairmeadh a stigh 'n an àite, 'fhògradh air an ais
do Hanohher o'n d'thàinig iad. Cha d'thng e leis
ach dà mhìle gunna, agus còig no sè ceud ckiidh-
eamh Frano'ach. Cha robh saighdear ainmeil 'n a
clnùdeachd ; agns cha robh aige ach trl, no ceithir
mìle Punnd Sasunnach do dh' airgiod. Bha 'uile
earbsa as na càirdean a bh' air thoiseach air, agus
chuir e roimhe e fèin a thilgeadh 'n an uchd. Ràinig
e 'n t-Eilecin Fada, agus thilg e acair anns a' chaoLas
eadar Uist agus Eirisca. Chuir e'n oidhche seachad
air tìr, chuir e fios air Fear Bhoisdeil, bràthair do
Mhac 'Ic Ailein ; ach dhiùlt an duine so èiridh leis ;
agus rinn e na dh' fhaod e a chum a thoirt air Tèarhich
dol air 'ais mar a thàinig e ; ag aslachadh gun
chogadh a dhìisgadh 's an àm, ni nach faodadh gun
mhiUeadh a tharruing air fèin agus air na dh'èireadh
leis. 'N uair a mhothaich am Prionnsa nach drìiigh-
eadh e air, thug e Arasaig air ; agus air an aon-h\-
deug de mliìos deireannach an t-samhraidh, thàinig
e gu acair ann an Loch-nan-galL Chuir e fios air
Mac 'Ic Ailein òg, fiùran cho flathail 's a sheas
riamh air balt bròige. Thàinig am Mùideartach òg
so 'n a Lxthair air an là 'm màireach, le Fear Ghlinn-
eahidail agus Fear Dhail-eileadh. Ptinn iad na
dh' fhaod iad g'a chomhairleachadh gun an oidhirp
a thoirt; bha e fèin agus iadsan a' spaisdearachd
'an deireadh na luinge, esan ag aslachadh orra-san
èiridh, agus iadsan cho dian g'a dhiùltadh. 'N uair
nach mòr nach d'fhairthch iad air, mhothaich e
Gàidheal eireachdail 'n a làn èideadh — bràthair
do Fhear Cheann-locha-mùideart, a' seasamh 'an
ceann eile na luinge. Thuig an Gàidheal cò a

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence