Skip to main content

‹‹‹ prev (457)

(459) next ›››

(458)
400 CARAID NAN GAIDHEAL.
a gnìiis a nochdadb, agus 'an dèigh. dli'i teaclid 'am
folÌais os ceann nam beann, bu ghlas-neulach a
h-aogas, mar gu-m biodh i'n raoir a mach air a'
ChaUuinn. Bha 'n ceò gu h-ìosal air an leacainn,
a' chorra-ghriobhach ag èiridh o'n lòn, bha langan an
l'hèidh air a' chreachann, bha 'n coileach-dubh anns
an leitir, a' ceartachadh a chuid ibhtean, agus le
dùrdail bhòidheach a' cur fàilte na bliadhn' ùir' air an
liath-chirc shomalta a bha 'sràidimeachd r'a thaobli.
'An dèigh dhomh fàilt' a chur air mo theaghlach,
agus am beannachd a b'àird' a ghuidhe as au leth ;
agus an dèigh dhomh a' chaora-noUaig a chur
seachad, agus sguab a thoirt do'n sprèidh, mar a
bha mi 'g am cheartachadh fhèin, cò 'thàinig orm
ach Pàra mòr, agus mo ghoistidh Aonghas òg. " Mo
bhannag ort a Pliìobaire, ars' iadsan, le aona ghuth :
bliadhna mhaith ùr dhuit." " Mar sin duibh-se,"
arsa mise ; " ciod so, a Phàraig?" (is e 'toirt làimh' air
searraig a bh' aige 'n a achlais), " Coileach dubh
aig am bheil gogail na 's mìsle na aon ràn a thàinig
rìamh d sionnsair do phìoba." Dh' òl sinn air a
chèile, agus thug Màiri an sin làmh air rud beag a
bh' aice ann an seotal na ciste mòire, de 'n fhìor
Thòiseach. 'N a dhèigh sin thog mi fhèin orm, oir
b'e mo dhleasnas na daoin' a chruinneachadh air
maduinn an là so, le fuaim na pìoba. Ghabh mi
suas an Gleann o bhaile gu baile, a' toirt air mac-
talla nan creag freagradh do'n phort —
" A mhnatlian a' Ghlinne,
Nacli mithich dhuibh èiridh."
Na-m biodh a' phìob an diugh pàiteach, b' ullamh a
gheibheadh i a pathadh a chasg. Bha 'chuideachd
a' dòmhlachadh mar a chaidh sinn air ar n-aghaidli,
gus an do phiU sinn a nuas taobh eile 'Ghliune, gu

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence