Skip to main content

‹‹‹ prev (452)

(454) next ›››

(453)
CAEAID NAN GAIDHEAL. 395
fiiran ; cò ach Màiri 'n uair a fhuair i a' bhoineid
chonnlaich, agus an cleòca sgàrlaid. Chunnaic mi
nach robh feum seasamh a mach na b' fhaide. Is
duine pòsda thu fhèin, a Theachdaire, agus tha 'fhios
agad nach 'eil e iomchuidh cur uile gu lèir an aghaidh
nam ban. Is priseil slth, agus bu choma leam riamh
cànran teallaich mu fhaoineis.
'N uair a dhealaich sinn air a' Ghalldachd gheall
mi sgriobhadh 'ad ionnsuidh o àm gu h-àm, mu
chuid de na cleachdaidhnean sin a bha cumanta 'n
ar dìithaich anns an àm a dh' fhalbh. Ged nach
miann leinn cuid diubh ath-ìirachadh, o'n a tha iad
gu luath a' dol air dì-chuimhn', cha-n 'eil e mi-
iomchuidh an aithris leo-san a chunnaic iad, air son
fiosrachadh na h-aitim a thig 'n ar dèigh.
'S ann air hi deireannach a' mhìos so a b' àbhaist
doibh a' Challuinn a chumail. Tha iad ag innseadh
dhomh-sa, (ach 's ann agad f hèin is fèarr a tha 'f hios,)
gu-m bheil am focal so, Calluinn^ a' ciallachadh
fuaim, gleadhraich, no farum, 's gur ann o 'n otliail
a bhiodh air na Gàidheil air an oidhche sinn a fhuair
i'n t-ainm. Bheir mi cunntas duit air an oidhche
Challuinn mu dheireadh a chuunaic mi ann an teagh-
hìch Ghlinne-deiseiridh, anns a' bhail' ud thall.
Och ! och ! b'e sin tigh a' mhànrain, 's na h-aoidh-
eachd, ge fliuch fuar an nochd a h\raichean briste.
B'e m' athair-sa pìobaire Ghlinne-deiseiridh, mar
a bha 'athair fhèin roimhe. Faodaidh mi 'ràdh gu-n
d' rugadh sinn 'n ar pìobairean ; cha-n 'eil mac a
rugadh dhoinh mu-n gann a thèid e bhàrr na cìche,
nach glac feadan cho nàdurra 's a thogas am meann
ris a' chreig. Ach mar a bha mi 'dol a ràdh — b'e
cleachdadh an teaghlaich so an tuath, 's an gillean,
gach oid' agus muim' agus co-dhalta a chruinneach-
adh air Oidhche Challuinn ; agus mar 'bu ghnàth,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence