Skip to main content

‹‹‹ prev (410)

(412) next ›››

(411)
CARAID NAN GAIDHEAL. 353
fhaca mi riamli iad air an tilgeadh, agus cha mhò a
dh'fhiosraich mi gu-n robh buaidh no feart air bitli
annta ; ach, o'n a thuit domh tighinn thairis air a'
leithid so de sheanachas, innsidh mi dhuibli sgeul
beag mu ni àraidh a thachair orm, agus a chuir
seòrsa faiteachais orm aig an àm.
Tha 'nis còig bliadhna-deug-'ar-fhichead o'n a
thachair dhomh-sa agus do dh'Iain Pauidh a' Choire,
forsair a bha aig Diìic AthuiU, a bhi 'mach air a'
bheinn air tòir fhiadh. Thog sinn oirnn gu moch.
Bha 'mhaduinn dorcha, duaichnidh. Ràinig sinn guala
na beinne, far an do shuidh sinn greis, gus an deach-
aidh fras throm shneachda seachad. An sin ghabh
sinn air ar n-aghaidh gu aisridh chorraich, chais, far
an robh dùil againn lorg nam fiadh fhaicinn, agus
seòrsa de bharail f haotainn ciod an taobh de'n bheinn
air an robh iad. Chunnaic sinn a' ghreigh ann an
aigeal a' ghlinne, agus ghabh sinu sìos gu h-athais-
each. Cha-n 'eil fhios agam ciod a chuala no
'chunnaic iad ; ach thàr iad a nuas, dìreach glan a
dh' ionnsuidh a' cheart àite 's an robh sinn. Chaidh
sinn cùl creige, as an t-sealladh. Ghabh a' chuid
a bu mhò dhiubh, gu socrach, seachad oirnn ; acli
thàinig aon damh donn, cabrach, mòr, cho dlùth 's
gu-n do loisg sinn air. Chunnaic sinn gu-n robh
6 air a leònadh, ach cha do thuit e. Lean sinn an
lorg. Thòisich an sneachda, cur 'us cathadh anabarr-
ach trom. Bha'n fhuil r'a faicinn air uachdar an
t-sneachd', agus thuig sinn air a luirg gu-n robh e
leònta gu trom. Lean sinn e o àite gu h-àite. B'e
deireadh an fhogharaidh e, agus tha fhios agaibh
mar tha 'n sean-fhocal ag ràdh : — " Mar chlach a'
ruith le gleann, feasgar fann fogharaidh." Chaidh
sinn air seacharan — cha robh fhios c'àite 'n robh
sinn — cha robh eòlas againn air stùic, no creig, no
2 Y

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence