Skip to main content

‹‹‹ prev (378)

(380) next ›››

(379)
CARAID NAN GAIDIIEAL. 321
seasmhacli aig Seumas, agus aig na pàisdean mar
thàinig iad air an aghart. Bha sinn socrach, agns
tha dòchas agam gii-n robh sinn taingeil Bha 'n
t-seana bheau fhathast beò — a tìir agus a raeomhair
aice cho maith 's a bha iad riamh. Bha de chonal-
tradh taitneach aice mu eachdraidh na Gàidhealt-
achd, 's gu-m b' fhaochadh le Seumas, 'n uair
thigeadh e 'stigh sgìth o'n obair, suidhe sìos a
sheanachas leatba. Fhuair sinn deadh chothrom a
thoirt do'n chloinn : leughadh iad a' Bheurla agus a'
Ghàelic co-ionann ; agus na chunnaic an t-seana
bhean riamh ach a bhi 'g ad eisdeachd-sa, a Dhòmh-
nuill rùnaich, a' leughadh a' Bhiobuill agus leabhraich-
ean maithe eile 'bhiodh agad ; agus is tusa 'dheanadh
sin gu suidhichte, ciallach. Thoilich Dia an t-seana
bhean a ghairm air falbh, agus thuit i ann an suain
a' bhàis, a' tiomnadh suas a h-anama do'n t-Sh\nuigh-
ear bheannaichte 'chaidh gu bàs air a son. Dh'-
ionndraiun sinn i gu mòr. 'An àite 'bhi taingeil an
fhad 's bu deòin le Dia a caomhnadh, 's ann a bha
sinn 'g a caoidh thar tomhas, Smachdaich Dia siun.
Ghabh mo mhac lurach, àluinn, am fiabhrus gabh-
altach a bha 's an àm sin 's a' bhaile-mhòr, agus
beagan 'n a dhèigh sin ghabh 'athair agus a phiutTiar
e. 'S ann aige-san a inhàin a thug comas domh-sa
'sheasamh, a tha 'f hios air na dh'fhuiling mise 's an
àm. Na canadh daoine gu bràth nach 'eil iochd
anns na Goill — 's mi nach d' fhuair gun iochd iad.
Ged a chum eagal an fhiabhruis air falbh a' chuid a
bu rahò de 'm luchd-eòlais, thog Dia suas domh
càirdean a sheas mi. Ghabh bana-choirahearsnacli
air nach robh ach beag eòlais agam, mo chaileag
uam, agus chuir mi lain, a sheachainn am fiabhrus,
do thigh caraid. Thugadh an duine agus Dòmhnull
do'n tigh-eiridinn 'am bràigh' a' bhaile, agus dheòn-
2s

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence