Skip to main content

‹‹‹ prev (280)

(282) next ›››

(281)
CAKAID NAN GAIDHEAL. 223
rls an Dia bheò ; agus tlia na mìltean ag èigheacli
ri Breatunn air son cobliair 'us còmhnaidh ged nach
'eil fhios aca gu ro mhaith ciod a' cheart chobhair
a tha 'g an dìth ; agus gun teagamh air bith tha
e mar fhiachaibh oirnn-ne a' chobhair so a thoirt
dhoibh.
A. B. — Tha e uile gle mliaith do'n fheadhainn a
thogras a dhcanamh, ach cha-n fhaic mi cia mar a
tlia e mar f hiacliaibh air daoine — agus gu h-àraidh
clia bhiodh mòr chabhag orm a dhol cho fad' air
astar le m' airgiod no le m' chobhair gus am biodh
na bu lugha 'dh'flieum orra dlìith do làimh. Cuiribh
cùisean 'an òrdugh aig a' bhaile mu-n tèid sibh do'n
bhaile ud thall. " 'S e 'leanabh fhèin a's luaithe
'bhaisteas an sagart," agus tha 'n duine còir gle
cheart ; dheanainn f hcin a' leithid eile, 's tha mi 'n
dùil gu-n deanadh gach duine — a h-uile duine tuig-
seach mar sin.
M. S. — Stad a nis, 'Aileiu. Tha e iomchuidh
gnòthuichean a chur 'an òrdugh aig an tigh. Tha
anabarr r'a dheanamh ann, 's cha deachaidh an
f hicheadamh cuid a dlieauamh a bu chòir a dheanamh.
Ach cuimhnich so, gu-m bheil Criosd ag iarraidli ort
an soisgeul a dheanamh aithnichte, cha-n e 'mhàin
uig an tigh ach do gach dùil fo nèamh. Agus a
thaobh namjìachan, tha mi 'g aideachadh gur fiachan
iad nach urrainn domh-sa, no do dhuin' eile a thoirt
dhiot, no'thagradh air beul a' bhreitheimh shaoghalta,
no le lagh dhaoine : ach tha Breitheamh 'us Lagh na's
àird' ann.
A. B.— Ma dh'f haoidte !
M. S. — Innis so dhomh. An robh e mar fhiach-
aibh air muinntir nan Innsean an ear no 'n iar
còmluìadh a dheanamh leis na Gàidheil an uraidh
'au àm an airc ? Ciod an Ligh a thug orra-s:ui — a

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence