Skip to main content

‹‹‹ prev (270)

(272) next ›››

(271)
CARAID NAN GAIDIIEAL. 213
Gàidheil le min-blu\in na baigeireaclid mar so mòran
na's fhaide. Slàn leat, a Mhaoir, cuir fios a dh'-
ionnsuidh Fear Tathaicii nam Beann focal no dhà
'thoirtdo na li-Uachdarain — do na Bàilhdhean, agus
busag- blieag 's an dol seachad a thoirt do na ^laoir
iad f hèÌD. — Slùn leat.
T.
COMHRADH
FEAR a' GHLINNE, AILEAN BAN, AGUS AM
MAIGHSTIE-SGOILE.
4 ILEAN BAN.— Tha sibhse, 'Fhir a' Ghlinne,
Xjl air 'ur ceum a dh'ionnsuidh na fèille, 's cha-n
iongatach leam e: 's ann agaibh fhèin a tha 'n
gnothuch ann. Chunnaic mi na daimh mhòra 'n
diugli a' tighinn a' nall troimb 'n mhonadh, 's neo-
'ar thaing mur d' fhuair iad geamhrachadh maith.
Fear a' Ghlinne. — Cha-n 'eil iad gu h-olc, ach
dh' f haodadh iad a bhi na b' fhèarr. C'àit' am faca
tu iad ?
A. B. — Bha iad a' gabhail seachad air Allt-na-
Bèiste, 's tha mi 'deanamh dheth nach 'eil iad fad'
o 'f haiche na fisille. Bha Sasunnach mòr 's a tlw]j-
man a' gabhail sàr bheachd orra. B' fhurasd'
fhaicinn gu-n robh a shùil annta.
F. G. — Cia mar a tha fhios agad-sa gu-m bu
Shasunnach e ?
A. B. — Ma ta b' f hurasda sin f haicinn air a phluic,
's air a shaill, gun tighinn air casag odhar nam putan'
mòra, agus bòtainnean nach faca mise riamh an
leitliid ach air Sasunnach. Agus dh' innis an Dròbh-
air Buidhe 'bha 'g iomain a chuid ghamhna biorach,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence