Skip to main content

‹‹‹ prev (250)

(252) next ›››

(251)
CAEAID NAN GAIDHEAL. 193
bliadhna ! Acli coma, tlia mì 'falcinn na 'tlia 'n 'ur
beaclid — gu-m blieil da rìreadh fosgladh mòr ann, do
rèir coslais air son cèird 'us mahiirt.
CuAiR. — Nach mòr, an ni do Bhreatunn a bhl a
h-eisimeil America 'us Rusia? Saoil na-m biodh Ame-
rìca air cotan a dhiùltadh dhuinn o cheann bliadhna
no dhà, 's mar sin stad a chur air gach muileann cotain
's an lioghachd, ciod a thachradh? Tha sinn air an
àm a' pàigheadh muillein punnd Sasunnach air son
cotain 'us tombaca ; ach ann an ùine ghoirid thig as
na h-Innsibh an Ear barrachd 's is urrainn duinn
feum a dheanamh dheth. Tha air an àm dà cheud
muillein de dh' acraichean fearainn ann a tha fàs, air
nach 'eil crann no caibe 'dol, a chuirear gu feum,
agus muilleinean de sliluagh 'n an tàmh, a dh' oib-
richeadh air son dà sgilKnn ruaidh 's an latha. Mar
so, faodaidh beachd a bhi agad air luach na tìre so,
agus cho taingeil 's a bu chòir dhuinn a bhi nach do
chaill sinn i. Agus a nis tha aon ni agam r'a labh-
aìrt inu na ceàrnan iomallach so a chuir Dia 'n a
fhreasdal fodhainn, 's a thug e thairis duinn — 's e
sin cho dleasnach 's a tha e do Bhreatunn eòlas
slàinteil a thoirt doibh, agus a h-uile saothair 'us
urrainn duinn a chleachdadh chum an tarruing gu
saorsa cloinne Dhè. Cha-n ann a chum beairteis a
dheanamh air ar son a thug Dia dhuinn iad, ach a
chum sinne a thoirt 'na bhuil nithean a's fèarr na
aìrgiod 'us òr dhoibh-san — chum an sùilean f hosg-
ladh, 's an stiùradh d'a ionnsuidh-san a thàinig
g' an tèarnadh.
Each. — Tha sin ceart ; gun teagamh, tha.
CuAiR. — Tha 'Eachainn ; ach an saoil thusa an
deahaich rauinntir Thirithe 's na Gàidhealtachd ri
uisge-beatha na bliadhn' ùire chum so a dheanamh?
Tha 'nis leth-chrun, air a chost anns a' chuid a'smò
2 B

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence