Skip to main content

‹‹‹ prev (185)

(187) next ›››

(186)
128 CARAID NAN GAIDHEAL.
slion-sa bho Ailein mo mhac ; 's fhad' o na chuala
mi bh'uaithe. Bha e ann an Sasunn 'n uair a
thàinig an tè mu dheireadh, 's tha mi fo mhòr
iomaguin.
M. Sg. — Tha i ann an so, 'Eòghain — am fosgail
mi i ?
EoGH. — Ciod eile, 'f hir mo ghràidh ; nach sibh
fhèin mo pheann 's mo shùilean ?
M. Sg. — Tha e sh\n, fallain, gun dìth, gun deireas,
agus gu dearbh 's e f hèin aig am bheil an gnothuch
ri sgrìobhadh ; an gille gasda, tha sodan orm litrich-
ean cho poncail, cheart, agus làmh-sgriobhaidh cho
rèidh, eireachdail fhaicinn bh'uaithe. Fuirich an
dèigh chàich agus leughaidh mi air fad i.
EoGH. — So agaibh na dh'fhuasglas i. Reic mi 'n
coileach ruadh ri Cailleach nan uibhean, 's ar leam
gur e trì-sgillean-deug 's bonn-a-sè 'bha n tè mu
dheireadh a thàinig.
M. Sg. — Cum d' airgiod a' d' sporan, 'Eòghain,
cha-n 'eil dad r'a phàigheadh : dh'fhalbh an latha
sin, 's thàinig hatha 's riaghailtean a's fèarr.
Cal. — Chì sinn, mar a thuirt an dall.
EoGii. — Cha-n 'eil mi gu ro mhaith 'g ar tuigsinn.
'N e nach 'eil dad r'a dhìoladh air son Htrichean ?
M. Sg, — Phàigh do mhac i, 's cha robh sin 'n a
ualhxch dha ; thug an sgiUinn ruadh a Sasunn i, agus
cuiridh sgiUinn eile fios-freagairt air ais. Sin agad an
riaghailt ùr. Nach còrd sin riut?
EoGH. — Cha chuala mi riamh a' leithid ; cha b'
fhèarr a nasgaidh iad — riaghailt an àigh ! an t-aon
luacha-peighinn a's fhèarr a chuahi mi riamh, Cò
'thug a stigh an riaghailt cheanalta?
Cal. — A' Bhàn-righinn, 'Eòghain ; caileag high-
ach, 'Eòghain ; ach tha i òg ; 's beag tha fhios aic'
air a' hughad ceum eadar so 'us Lunnuinn. Cha seas

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence