Skip to main content

‹‹‹ prev (181)

(183) next ›››

(182)
124 CARAID NAN GAIDHEAL.
Tha 'm " Bleidire " ceart. Faodaidli e 'n Cuairtear a ctur leis a'
Phosta 'n dèigh a leughadh do dh' àit' air bith is àill leis ; ach athar-
raicheadh e'n t-ainm grànda 's togadh e ainm a's chìiitiche ; 's maith
a sgrìohhas e 'Ghàelic. Cluinneamaid uaithe.
Fàilt' air òganaich shuairce Chill-Ribhinn ! Chuala sinn an dùrachd
as ar leth, taing dhoibh ! ach 's èigin doibh barrachd 'us dìnachd a
thoirt dninn — tha sinn air an àm fo chomaine dhoibh.
'S an càite mu dheireadh, f huair sinn litir iongantach " lain-o'n-àirde-
tuath," an aon htir a's fuaire 's a's reòta 'f huair sinn riamh : da rìreadh
's ann as an àirde-tuath a thàinig i, mar o chuithe shneachda. Tha
seòrsa de dh' amharus againn cò e lain ? Nach gòrach do bharail
gur uriainn tliusa 'n Cuairtear a smàladh le anail do bheòil ? Feuch
ris, Tain— sèid gus am bi thu sgìth — cha smàl thu as e. Tha thu 'g
ràdh ma chuireas sinn mar sud no raar so ann, no mur dean sinn mar
sud 's mar so, gu-n saltair thu fo d' chois sinn ! Ubh — ubh ! nach tu
fhèin au gihe ! Tha thu 'g ràdh nach 'eìl connspoid agad ris a'
Cliuairtear, tha thu 'g ràdh nach 'eil fhios agad cò e : cia mar thachair
dhuit ainm càraidh a chur air cùl do htreach ? Cò dhiubh tha no nach
'eil aobhar connspoid agad ris, tha thu 'cur romhad gu-u itheadli tu
suas e eadar fheòil 'us chnàmhan; ach feucli nach tac thu thu f hèin 's
an oidhirp. Innsidh mi sgeul beag dhuit, 'laìn. Bha ann o shean
sionnacli ruadh agus uan òg ag òl deoch-uisge as an aon allt ; bha 'n
sionnach gu h-àrd os ceann an àite 'n robh an t-uan. " A bheathaich
pheallagaich, leibidich idhir," ars' an sionnach, '' cia mar 'tha chridli'
agad an t-uisg' a shalachadli mar so orm-sa?" Ghabh an t-uan eagal.
" 'N e mis' " ars' esan, " nach 'eil an sruth a' teachd a nuas o'n àit'
ara bheil sibh ? cha-n'eil e comasach dhomhsa 'shalachadh." " Coma cò
dhiubh " ars' an sionnach, " biodh sin mar thogras e, ach tha mi ann am
mi-thlachd mhòr riut." " C' ar son ?" ars' an t-uan. " Tha do bhrìgh
gn-n cuala mi gu-n d' innis thu an dubh-bhreug, gu-n do thog thu
tuaileas gamhlasach a' m' aghaidh o clieann shè mìosan ; cha ruig thu
leas 'àicheadh, tha fianuisean agam." " 'N e mis' " ars an t-uan,
" cha d' rugadh mis' o cheaim shè mìosan ; " Tha mi suarach " ars'
an sionnach, " mur tus' a rinn e 's e d' athair, reithe nan adhaircean
mòra, air neo do sheanair an rìita maol Gallda ;" agus le sin, ghrad
leuni e ann an amhaich an uain, agus dheoghail e fuil a chridhe ! —
Minich so 'lain.
'S i 'n fhirinn a thàirngecamaid à so, gur faoin an nì 'bheir air neach
cur a mach air neach eile 'n uair tha fuath aige air ; mur 'eil aobhar
aige gur soirbh dha aobhar fhaotainn.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence