Skip to main content

‹‹‹ prev (159)

(161) next ›››

(160)
102 CARAID NAN GAIDHEAL.
cho luatli 's a b' urrainn ar dà cliois ar giùlan, a
chumail Kiis 'n ar casan, agus bhiomaid a' dannsadh
's a' leum, 's a' feuchainn a h-uile cleas a b' fhòarr
na 'cheile chum am fuachd a chumail air falbh.
Lach. — Ach an robh teas idir 's a' ghrèin air a'
mheadhon Latha?
Seor. — Teas 's a' ghrèin ! a mhic chridhe — sin a'
ghnìiis nach fhaca sinne fad thrì mìosan maith agus
deich làithean !
Lach. — Ciod a tha thu 'g ràdh? 'N e nach faca
tu a' ghrian fad thrì miosan 'us deich h\ithean ?
Seor. — Cha-n fhaca — bu doirbh dhomh, 's gun i
ann. Chaidh i fodha oirnn air latha deireannach an
fhogharaidb, agus cha-n fhaca sinn an t-ath sheall-
adh dh'i gus an deicheamh latha de cheud mhios an
earraich.
Lach. — 'Fheara 's a ghaoil ! an cuaha duine riamh
a' leithid? An robh sibh ann an dorchadas fad trì
mìosan a' gheamhraidh?
Seor. — Cha robh idir. Tha freasdal an Tighearna
caoimhneil anns na dùthchannan sin mar anns gach
àite. Rè nan trì mìosan sin tha a' ghealach làn
againn, gun dol as an t-sealladh a h\tha no dh'-
oidhche ; agus ni 'chuireas barrachd iongantais ort,
'an dèigh a' cheathramh-hVdeug de'n Mhàgh, cha
tèid a' ghrian fodba tuilleadh, no as an t-seahadh a
latha no dh' oidhche gus an tèid i fodha gu buileach
deireadh an f hogbaraidh : air chor agus fad chòig
mlosan nach'eii dealachadh sam bith eadar latha agus
oidhche.
Lach. — An robh na speuran soilleir, glan, fad nam
mìosan dorcha sin ?
Seor. — Bha mi 'dol a dh'innseadh dhuit, gu-n
robh iad na's soilleire na chunnaic tliusa riamh oidb-
che fhoghair 's an dùthaich so. Bha na fir-chlis a'

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence