Skip to main content

‹‹‹ prev (31)

(33) next ›››

(32)
22 GILLE A'BHUIDSEIR
thu uait am fàinne [air an làr,] 's leumaidh e 'na
dhuine."
An là'r na mhàireach, chaidh mac an tuathanaich
'na tharbh, agus chaidh a athair leis gus an fheill.
Cha robh tarbh air an fheill cho breagha ris an tarbh
so, 's bha na h-uibhir a'sealltuinn air. Thàinig fear an
rathad, 's thuirt e ris,
" Gu de ghabhas tu air an tarbh? "
" Tri fichead punnd Sasunnach," ars an tuathanach.
Fliuair e siod, 's thug e seachad an tarbh, 's leum am
fàinne air a bhois. Thilg e am fainne air an làr, 's
leum am fainne 'na dhuine.
Dh'fhalbh iad, 's ghabh iad air an aghaidh gu baile eile.
" Bidh feill anns a'bhaile so am màireach! "
" Gu de an fheill a bhios ann? "
" Bidh — feill each, agus theid mise ann am each,
agus is mi bhuidhneas an geall — cha bhi gin ann cho
luath rium, no cho breagh rium. Gheabh thu sia
fichead punnd Sasunnach orm am màireach — ach tha
mi 'toirt comhairle ort a nis.* Am bheil fios agad cò
tha 'gam cheannach air a h-uile siubhal? "
" Chan' eil."
" Tha — am Buidsear Mòr — sin am fear a tha 'gam
cheannach a h-uile siubhal, agus is ann am màireach a
tha an gnothuch agad ri 'dheanamh. Bidh mise anns
an t-srein am màireach, 's na reic an t-srian idir."
An là'r na mhàireach, chaidh mac an tuathanaich
'na each breagh, 's chaidh a athair leis gus an fheill. —
Bha na ceudan a'tairgse air an each leis cho breagh 's
a bha e, 's cha tugadh esan seachad e gun sia fichead
Dunnd Sasunnach.
X
* The son evidently forebodes his

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence