Skip to main content

‹‹‹ prev (144)

(146) next ›››

(145)
EACHDRAIDH lOSEIPH. 141
peacaidh. Mlieas mi gu'n d'thugadh an Dia uile-
làthaireach, tre mheadhoh èiginn, math dhomhsa
as an olc ; uime sin ghiùlain mi leis gu neo-
smuaireanach. Bu mhi-naomhachd ro mhòr
dhomhsa, nan di-chuimhnichinn na meadhona
tre an d'àrdaich mo Dhia mi gu cumhachd, agus
bu mhallaicht' an ni nan àraichinn fuath do na
h-inneil a chunnaic esan iomchuidh chum sin a
dheanamh. 'S ann as do leth-sa, a bhean uasal,
a chuireadh sa phrìosan mi, far an do thachair
mi air a' ghille-chupain agus air an f huineadair ;
far, mar an ceudna, a fhuair mi' cheud sealladh
air m' Asenat ghràdhaich. 'S ann mar sin a
fhuair Pharaoh fìos ormsa, agus a chaidh m'
àrdachadh gu cumhachd; ionnas leis a mhòr
mhaitheas a dh'èirich dhomh o'n bheagan ana-
cothrom a rinneadh orm tre bharail mhearachd-
aich mo bhana-mhaighstir, bu mheasa mi na ana-
creideach, mar tugainn o m' chridhe maitheanas
do Shabrina. Bha aiteas orm ri' chluinntinn
gu'n robh do dheadh-bheus air pilleadh chum a
chleachdaidh ghnàthaichte ; agus gu bheil t-aigne
air a socrachadh air a cuspair iomchuidh ; agus
tha sòlas orm 'f haicinn gu bheil thu san t-suidh-
eachadh aithreachail inntinn so ; oir ge b' e
dh'aidicheas agus a thrèigeas a pheacadh, gheibh
e tròcair.
An uair a phill loseph dhachaidh, fhuair e
duine bochd aig a dhorus, ag aslachadh deirc air
a chuid seirbhiseach. Le 'choslas, chitheadh
neach gu'm fac e làithean a b' f hearr, oir bha a
dhreach eireachdail. Bhuilich na seirbhisich gu
fiùghantach air, agus chruinnich iad nam measg

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence