Skip to main content

‹‹‹ prev (141)

(143) next ›››

(142)
138 EACHDRAIDH I08EIPH.
dhlùthaich iad ri muinntir Abrahaim, thug iad
sgrios air na h-Asirianaich, agus thuit na mìl-
tean diubh sa chasgradh. Dh'iarr iadsan a
theich as a champ tèaruinteachd o luas an cas,
agus lean iad iad gu Damascus ; lean Abraham
an ruaig co duineil, 's gu'n d'thug e o na
creachadairean gach priosanach, agus gach ni
a thug iad as na bailtibh a chreach iad; agus
lèir-sgrios iad na ceithir creachadairean. Bha
mi daonnan am barail, a deir an righ, gu'n
d-thainig loseph o dhaoinibh foghainteach ; agus
tha do chunntas-sa mu Abraham 'ga dhearbh-
adh. Sholair do theaghlachsa, mo dheadh char-
aid aosda, fear-teasraiginn do'n Eiphit ann am
pearsa loseiph, agus cha chòir dhuinn a chomain
a dhìoladh air dhòigh a's lugha, no 'n aire
thoirt do theàghlach 'athar rè àm na gainne.
Imich, a dhuine chòir, gabh còmhnuidh san tìr,
's a chuid is taitniche leat di. Agus a loseiph,
cuimhnich gur i toil do righ, gu'n dean thu
uidheamachadh freagarrach do theaghlach t-
athar, agus g'un òrduich thu ionad còmhnuidh
dhoibh a rèir am miann.
Bha cruas na gorta aithnichte anns gach earr-
ann de'n tìr, agus cha robh 'bheag de lòn ri
fhaotainn ach na gheibhte a tighe-taisg loseiph,
leis an d'fhàs ionmhas an righ ro shaibhir.
Chruinnich e'n toiseach gach airgiod a bha san
Eiphit an iomlaid sìl ; 's an uair a theirig
airgiod, ghabh e'n sprèidh 'na ionad ; 's an uair
a fhuair an righ an sprèidh uile, thug iad an
tràillean agus an ciomaich an iomlaid lòin. An
sin reic gach duine 'fhearann saor chum biadh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence