Skip to main content

‹‹‹ prev (124)

(126) next ›››

(125)
EACHDRAIDH lOSElPH. 121
an d'rinn iad docliair, an cionta na uile dhuaìch-
neachd gu'n cuimhne. Cha robd a dhànadas aca
na thigeadh dlù dha, ged a bha iad aoibhneach
gu'n robh e beo.
Chuir e f àilte chridheil orra a lìon fear agus fear.
agus gu sònruichte thuirt e ri Simeon agus Lebhi
gu'n d'thug an cruadal duineil a nochd iad 'an
aobhar am bràthar Beniamin, air falbh gu tur an
diumb a bh' aige dhoibh arson an giùlan mhi-
chneasta dha fein.
'Nuair a thraogh an othail air gach taobh, 's a
bha iad nan suidhe ann an talla loseiph, labhair
e riu air an dòigh so.
Mo bhràithrean gaolach, cha 'n 'eil e'm chom •
as an toil-inntinn a thug ur speis do Bheniamin
an diugh, 'ainmeachadh. Tha deadh f hios agaibh
nach b' ann gun chion-f àth a bha amharus agam
mu'r gràdh do shliochd Kacheil. Chum dearbh-
adh a thoirt domh sa chùis so, dhealbh mi 'n
t-innleachd leis an do nochd ur deadh bheus e
fein gu gaisgeil. A Eeubein, is airidh thu air
mo thaing a's mò, arson a chaoimhneis a nochd
thu dhomh aig Dotan ; ach cha b' f heairde sinn
an diugh nan soirbhicheadh le d' rùn : Am feadh
a bha sealladh agamsa o neamh a nochd dhomh
toil De, mu m' thimchioll fein, agus a dh' aom
mi chum aontachadh leis na bha 'n dàn tachairt
domh. Air leam nach 'eil gnùis Shimeoin agus
Lebhi saor o chàileiginn de eagal. mo bhràithre,
fògraibh uaibh gach iomaguin. Bu mheasa mi
na ana-creideach, mar daighnicheadh ur seirc
dhuineil an diugh do Beniamin, sibh ann am
mheas. Seadh, mo bhràithre, cuiridh mi mòr
earbs' à treubhantas gaisgeil Shimeoin agus Lebhi.
L

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence