Skip to main content

‹‹‹ prev (120)

(122) next ›››

(121)
EACHDRATDH lOSEIPH. 117
an àrd-uachdarain critli-bhlàis air feadh do chuim
uile ? ! a bhràthair, a bhràthair, cha phili mi
am feasd do thìr Chanaain as t-eug'ais.
Thainig luda a nis air aghaidh a dh'aslach-
adh tròchair an uachdarain. Mo chreach ? mo
thighearna ; caomhain an t-òganach, ar bràthair,
o chuibhrich, o phriosan, agus o bhàs. Mur
bithe cionta a bhràithrean, dh' fhaoidte fìuth-
air a bhi ri nithibh a b' fhearr. Dh' fhaoidte
mòran a ràdh 'an lethsgeul ar bràthar. Tha e
òg gun fhiosrachadh, agus cha 'n fhac e ach
beag de'n t-saoghal. Bha a ghiùlan san àm a
chaidh seachad neo-lochdach ; agus cha tric le
uachdarain thròcaireach peanas goirt a dhean-
amh air a' cheud choire. Dh' fhaoidte a ràdh
na aobhar, nach robh 'n gille a làthair 'nuair a
chaidh na soireachan a lìonadh ; agus theagamh
gu'n deach' an cupan a chur ann gun f hios da.
Gidheadh tha chùis, do brìgh coslais, na agh-
aidh, cha'n 'eil sinn a' tagradh chum sinn fein
a shaoradh, ach tha sin 'gar fàgail an taice ri
iochd an àrd-uachdarain. Ge nach fàgar a
chiont' ach air aon 's èiginn gun tuit am peanas
air an ìomlan. Tha na tha'n dàn duinne air a
thuaimleadh na chor-san. Ceadaich dhomh a
ràdh, oir tha mi nis a' labhairt arson beatha no
bàis, gur i tròcair a' bhuaidh a's àirde san Diadh
achd, agus uime sin, uaiU phrionnsachan agus
uachdaran ; 's ann a mhàin air tràillean agus
daoine nach fiù a tha fearg agus dioghaltas
iomchuidh. Thug sinne sinn fein thairis do d'
mhòrachd, agus air leam nach b' ann gu cliù
no urram na h-Eiphit, gu'n cuireadh a h-àrd
nachdaran àireamh dhaoine gu di a tha toileach

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence