Skip to main content

‹‹‹ prev (56)

(58) next ›››

(57)
EACHDRAIDH lOSEIPH. 53
a clheanadh mòr choire dhomh fios a bhi aig aon
neach air ach sinn fein. Cxhabh mi orm a bhi
gu tinn, a dh' aon-obair gu fuireach aig an tigh
maille riutsa. Feudaidh tu nis 'fhaicinn gu'n
d'thèid agam air dealachadh ri cuideachd uais-
lean agus phrionnsachan arson na speis a th'
agam dhuitse a loseiph. Cha 'n 'eil suim agam
de mhòr-chuis agus do ghreadhnachas cùirte an
coimeas ri d' chuideachd shòlasaich-sa. Agus
am bi mis a' caoidh agus a' cumhadh gun dòchas
ri toil-inntinn f haighinn uait. 'nuair a dh' fheud-
adh tu, m' aon ghràdh, cobhair a dheanamh orm ?
Na can tuille rium mu dhiadhachd no mu riagh-
ailtean teann deadh-bheus. Cha 'ii 'eil ach cùis
fhaoin ann an deadh-bheus, nach builich aon
sòlas, ach a chlaoidheas an cridhe le eagal.
Agus ciod a th' ann an diadhachd ach bruadar,
mar tha caithe-beatha ar cuid sagart a' dearbh-
adh ; oir ge b' e co mòr 's a ghlaodhas iad an
aghaidh peacaidh nan amanna 'nuair a bhios iad
'sa chrannaig, cha 'n 'eil ann leis an annsa sòlais
ann an uaigneas na iad ? Am b' urrainn do
Dhia-sa, a loseiph, tlachd a ghabhail ann an thusa
a bhuntainn gu neo-shuairce riumsa aig a bheil
na h-uiread ghaoil ort. Bu chuspair fuath e ni
bu mhò na cuspair aoraidh. Thoir an aire, a
loseiph, nach cuir thu as leth do Dhe do chion
toil dhòmhsa ; gu ma fearr leat aideachadh gu
bheil thu 'n gaol air caileig theisteil, agus air a
sonsa, nach fheud thu do bhana-mhaighstir a
thoileachadh. Ach nach feud thu bhi leatha-
ge agus leamsa cuideachd ? Ach och mo chreach !
tha do chliù an earbsa ris. Feuch c' àit' a'
bheil mo chliùsa annam fein irisleacha dhuit-sa ?
e3

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence