Skip to main content

‹‹‹ prev (8)

(10) next ›››

(9)
EACHDRAIDH lOSEIPH. 5
dh'innis e gu neo-sgàthach dhoibh a bhruadar :
ach mo thruaighe ! bhrosnuich an spèis shon-
raicht' a bh'aig 'athair dha. suas annta miosguinn
agus droch-rùn nan cridheachaibh. Dh'èisd
iad ris le ro-aire, agus dhrùigh e orra ; ach cha
b' urra dhoibh a chleth nan gnùis an ni a
thàrmaich nan cridhe. Dh'fhiosraich esan, mar
òganach a bha ullamh gu foghlum, ciod bu
chiall da leithid de dh'aisling? Ach chuir iad
sgàile air am barail, agus le mì-thlachd thionn-
daidh iad air falbh uaithe, ag ràdh ris nach
b'aithne dhoibh a bheag mu 'n chiìis. Ach cha
luaithe dhealaich e riu, na chuir iad an comh-
airle r'a cheile, mu thimchioll na h-aislinge.
Labhair ludah air tùs, " Mo bhràithre," thuirt
e, " G-e b'e co neo-chiontach agus neo-smaoint-
eachail a dh' aithris e am bruadar, tha ann am
bheachdsa, am barrachd ann seach barail na
h-inntinn : agus mar 'eil mi meallta am bharail,
tha e cur air a manadh àrd-urram ann am
pearsa loseiph, no gu'm bi uachdaranachd aig
a shliochd air cloinn 'athar. "Air mo shon
fein," arsa Simeon, " tha mi meas an iomlain
mar thoradh bhi dèigheil air urram ; tha sibh
fiosrach gu bheil e air 'àrach suas le àrd bharail
uime fein, le ro dheòthas 'athar mu 'dhèibhinn.
A chionn gu bheil 'athair co toigheach uime, cò
aig a 'bheil fhios nach e tha na bhruadar inn-
leachd chum e fein a dheanamh ni's ionmhuinne
le'athair, chum sinne a sgaradh a mach o bheann-
achd ar n-athar, mar rinn e fein air Esau bràth-
air ar n-athar ? No ma bhruadair e 'n aisling a
dh' aithris e dhuinn san àm, nach 'eil e leòir
shoilleir gur ann a chionn gu bheil 'inntiun soc-
a3

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence