Skip to main content

‹‹‹ prev (38)

(40) next ›››

(39)
Diadhachd air Amhohar. 31
anbliarr' aingidheachd agus peacaidh ; gun inbh
air bith air an gleidheadh, iio idir dleasnais
fheumail air an coiHonadh. Tha peacaidh air
an deachaidh guth thairis, ag èiridh a nis suas na
shealla le 'n duaichneachd nàdurra. Tha trom-
mhothachadh air a chionta 'an "co-chuideachda
ris gach mi-shealbh eile tha teachd na charamb.
Air leis gu bheil è faicinn làmh Dliè, air an do
chuir è corruich, sìnte mach gu follaiseach na
aghaidh. Anns a cheart àm 's am mò bheil do
dh' fheum aig duin' air a mhisnich a chumail
suas, cia co do-ghiulain 's a tha 'm barrachd
cudthrom so dha, a' meudachadh iargain an-
shocair, mealladh-dòchais, no sean aoìs ! Cia
truagh a chor-san d'an eigin am fulang cò'-lath,
agartas ciontai, agus campar cruaidh-fhortain !
Faodaidh spiorad duine anmhuinneachd a chumail
siias ; ach co 's urrainn spiorad ieoint'' a gliiulan?
Tha easan a tha coimhead deagh choguis, a'
sealbhachadh sìth, cliu, agus mòiachd inntinn,
fo na cruaidh-chais shaoghalta is mò. Faodar
teisteas deagh choguis aithneachadh, seach an
uaill andàna sin air neo-chiontas, ni tha gach fior
Chriosduidh a' cùlachadh gu tur. Mar is fearr
è, 's ann is iriosal e, agus ismothachaileadh c air
fhàillnibh. Ach ged 'a tha è 'g- aideachadh
nach urrainn è ni air bith a thai^radh o Dhia a
thaobh a thoillteanais fein, gidheadh 's urrainn
è earbsa gun gabhar gu ti-òcaireach ris trid losa
Criosd, a rèir cumhnant' an t-soisoreij. Tha

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence