Skip to main content

‹‹‹ prev (148)

(150) next ›››

(149)
U5
" Na 'n laidheadh coigreach taobh an tobair so fad oidhche,
thigeadh mi-dhealbh air a chorp an aon àite no àit' eile 'n a
chois, ged nach deanadh e coire do mhuinntir an eilein."
Tha uamh eadar Inbhirnis agus Abhoch a dh' ionnsuidh
am biodh cuid a' dol 's an linn so fhèin air son slànuchaidh.
'S e leigheas air son nam bodhar, no trioblaid air bith mu 'n
chluais, a tha ri fhaotainn ann. Tha sìor bhoinnealaich uisge
tighinn às a' chreig am mullach na h-uaimh so. Fo'n bhoinne
a's èifeachdaiche, tha clach air an ùrlar, de dhath dorcha dearg.
Tha e air a ràdh gu 'n deachaidh màthair ann, aon uair, le a
leanabh, a rugadh bodhar. 'S coltach gu 'm b' i a' cheud neach
a chaidh riamh ann air son leighis. Chum i ceann an leinibh
air dhòigh 's gu 'n tuiteadh am boinne 'n a chhiais. Mar bu
nàdurra, an uair a thuit am boinne fuar an cluais an leinibh
thug e sgreuch às, agus dh' oibrich e le a làmhan 's a chasan.
" Sgàin ! " ghlaodh a mhàthair gu mi-fhoighidneach. Thàiuig
an droch ghuidhe gu crìch am prioba, agus dhath fuil an
leinibh a' chlach.
Bha e air a chreidsinn aig aon àm gu 'n robh daoine slthe
fuireach 's an uaimh agus a' toirt leò na feudail a rachadh air
son fasgaidh do 'n uaimh. Chaidh balachan agus caileag a
stigh nach fhacadh tuilleadh. Mar sin tha 'n uaimh air a
dìinadh suas, a chum 's nach tig sgiorradh air duine no
ainmhidh 'n a dhèigh so.
Thogadh e tuilleadh 's a chòir de i^iine agus de àite na 'n
rachainn thairis air gach eisimpleir a dh' fhaodainn a thoirt
seachad. Ach tha aon a fhuair mi o bhean mheasail a rugadh
agus a thogadh dlùth do Chill-Fhinn. Bha i air tighinn gu
inbhe nighinn òig an uair a b' àbhaist di 'n sealladh so
fhaicinn, bliadhna 'n dèigh bliadhna.
Aig a' Mhuileann-mhòr, 'an Cill-Fhinn, tha uisge tobar
Fhaolainn a' tuiteam mar eas beag anns an Dochairt. Bha
craobh mhòr leamhain a' tilgeadh a geugan farsuing thairis air
an easan gus an do bhuain an doinionn i, dà bhhadhna 'n
dèigh do 'n doinionn uamhasaich sin a mhill Drochaid Tatha.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence