Skip to main content

‹‹‹ prev (119)

(121) next ›››

(120)
116
Air na h-ixile dòigh air an gabhar i, cha'n'eil aon, ar leam a's
freagarraiche no a's gaolaiche na do nighean fhèin."
" Stad ! Stad ! " arsa mise, " Na rach na's fhaide. Cha'n'eil
dad agam 'n ad aghaidh mar dhuine ; ach ar leam gu'm bheil
Mairearad tuilleadh 's òg air son duine 'thàinig gu d' inbhe-sa.
Cuimhnich gu'n robh thu fhèin 's mise 's an sgoil còmhla."
" Bha ; ach tha fhios agad gu'm bheil mi còrr agus deich
bliadhna na 'a òige na thusa, agvis gu'n do phòs thu glè
ghoirid an dèigh dhomh 'n dùthaich fhàgail. Cha'n'eil mi 'm
ghiullan, cinnteach gu leòir ; ach mur 'eil dad aice-se 'm
aghaidh, an tilg thusa cnap-starra 's an rathad ? "
" Cha'n'eil fhios agam gu ro mhath ciod a their mi I "
" Eisd riumsa," arsa Dòmhnull a rithis, " Tha fios agam
gur nì mòr a tha mi 'g iarraidh ort ; ach smuaintich air an
aoibhneas a bheireadh e dhòmhsa do nigheansa fhaighinn !
Nighean mo charaid ; caileag Ghàidhealach, às a' bhail' againn
fhèin. Bhiodh boirionnach 's ani bith eile, — ciod air bith clio
math 's a dh' fhaodadli i 'bhi, — mar choigreach dhomh a nis, an
dèigh an spèis a th' agam do Pheigi."
Bha sinn air an tigh a ruigheachd ; mar sin cha robh
tuilleadh cothrom air bruidhinn mu'n chùis aig an àm ; ach 's
e 'thàinig às gu'm faca mi gu'n robh taobh blàth aig Mairearad
ri m' shean charaid. Shocruich sinn nach biodh ceangal
eatorra gus am biodh Dòmhnull greis aig an tigh. Mur tach-
radh e air tè bu docha leis, dh' aontaicheadh a màthair agus
mise gu'n tilleadh i leis do'n dùthaich chèin a bha nis dha mar
dhachaidh.
Goirid 'n a dhèigh sin thill siun dachaidh do'n Tairbeart ;
oir cha robh fonn air Ciorstan no ormsa dol na b' fhaide. Bha
e goirt oirnn ar caileag a chall.
Tha greis uaith sin. Air son Dhòmhnuill dheth, cha do
chòrd nighean eile ris ach a' cheud tè air an do leag e 'shùil.
Cha robh atharrach air ach strlochdadh, agus Mairearad a
thoirt suas dha, a chionn cha b' fhiù leatha gille 's a' bhaile
làimh ri Dòmhnull.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence