Skip to main content

‹‹‹ prev (106)

(108) next ›››

(107)
103
Ach bha sealladh ris an deas a chuir smior annainii, agus
a dhùisg dian thogradh gu dol na bu tinne air, B'e sin an
Watsmann; beinn a bha 'g èirigh àrd os cionn guailne a
comhaoisean. Bha ceud sneachd na bliadhna air tuiteam
cheana oirre, agus air a ceann a liathadh, ged nach robh
againn aoh an t-ochdamh latha de cheud mhìos an fhogh-
air. Ghabh Dòmhnull forfhais air an rathad a bu ghoir-
easaiche gu dol sgriob am measg nam beann agus bha
carbad ri bhi deas aig seachd uairean air an ath mhaduinn
gu ar toirt gu Loch-an-Rìgh, cì^il an Watsmann. An sin
bha sinn ri gabhail a suas taobh na beinne, gu tigh-òsda
beag far am faigheamaid fuireach car oidhche. Thilleamaid
mu'n cuairt air sligh' eile, a bheireadh sealladh dhuinn air
an dùthaich air taobh eile na beinne.
Chaidh sinn an uidheam tràthail 's a' mhaduinn, agus
air falbh ghabh sinn gu sùrdail, air buille nan seachd
viairean. Air dhuinn an còmhnard fhàgail, agus astar ochd
mlle dheanamh air rathad rèidh ri cliathaich monaidh,
thàinig sinn an sealladh lagan bòidheach, le ùrlar gorm de
fheur lom, agus le tigh beag aig gach ceann deth. Bha
'n carbad againn air tighinn air aghart dlreach os cionn an
rathaid a bha dol a sìos do'n lagan, an uair a bhrùchd
a mach air dorus am bruach na beinne air taobh thall an
lagain, buidheann de shluagh cho èibhinn 's a chunnaic mi
riamh. Chaidh roinn de'n chuideachd a stigh do'n tigh
bheag a bu dlùithe orra, thàinig an còrr dhiubh a dh' ionnsuidh
an tighe bu tinne oirnne. Rinn an carbadair air a shocair
am feadh a ghabh sinn beachd orra. Thug mi aire shònruichte
do'n dream bu dlùithe làimh. Thug iad 'nam chuimiine
dealbh nan Escimòthach. Bha iad beag, cuideil ach aig a'
cheart àm neònach.
"Ma tà," arsa mise rium fhèin, "'s iomadh earradh
annasach a chunnaic mi o'n a dh' fhàg mi'n tigh ; ach tha
na daoine so cho àbhachdach ri muinntir a chunnaic
mi fhathast. Bha boineid mhaol ghorm orra. Bha

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence