Skip to main content

‹‹‹ prev (71)

(73) next ›››

(72)
0, a Bhuachailleau Eite, thug sibhse dlon agus fasgadh
fuar air an latha sin do iomadh aon de 'n treud a bh'air
a thoirt a suas do 'n luchd-casgraidh ! 'S ioniadh aon air
an do thilg sibh cirb d'ur n-èideadh geal mar lèine-bàis dhaibh !
Bha Raoghull a' breithneachadh ciod bu chòir a dhean-
amh. " Eilidh," ars' e mu dheireadh, " le solus latha
faodaidh an tòir tighinn air ar lorg. Tha lagan os cìonn
Allt-na-fèidh far am faigh sinn àite-falaich gus am bi e
tèaruinte dol na 's fhaide. Feuchaidh sinn tigh d' athar
a ruigheachd, agus chi sinn an sin ciod a ni sinn."
Chaidh iad bhàrr an rathaid, Raoghull an dràsd 's a
rithis a' giùlan a mhnatha thairis air na h-àiteachan doirbh.
Rinn iad còsan fo bhruaich, air ciàl cuithe sneachd.
Bha'm balla sneachd eadar iad agus an nàimhdean ; am
feadh a bha acasan cothrom air brath a ghabhail air neach
'sam bith a thigeadh a stigh do'n lag. Bha'n comas so
aca tre thuillein a rinn Raoghull le bioran. Cha robh
dlth air blàths no fasgadh ; oir bha Idir a stigh leo,
agus bha e cho math ri plaide, latha 'sam bith.
Bha iad greis ùine 's a' chòsan, agus bha Eihdh
air tuiteam 'na cadal, au uair a thog Idir a cheann, agus
bhioraich e 'chluasan.
" Cum sàmhach ! " arsa Raoghull ris, a thoirt sùil troimh
an toll-amhairc. Chunnaic e duine 'tighinn le ceum
ealamh o thaobh eile 'n lagain. Bha rudeiginn aige 'g
a ghiùlan fo chleòca. Ged a bha e liath le sneachd,
dh' aithnich Raoghull gu'm bu shaighdear e. Gun teagamh
bha e 'sireadh àit uaigneach, gu creach èiginn a chur
am falach. Thug e 'n aire do aile nan cas air au
t-sneachd ; rannsaich e le 'shùil am balla geal m'a thimchioll,
ach duine cha robh ri fhaicinn. Thàinig e 's shuidh e
air tom fo 'n chòsan.
Bha le Raoghull gu'n cual' e glaodh leinibh. Dh'
èisd e gu dil, A rithis chual' e guth leinibh ag ràdh, —
" Mamaidh ! mamaidh ! " agus an sin guth an t-saighdeir

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence