Skip to main content

‹‹‹ prev (24)

(26) next ›››

(25)
NA CHUIR SINE ROIMPE.
An uair a thàinig Sine gu mothafliadh, bha Annag an
tiiathanaich a' cromadh thairis oirre, an trioblaid m' a
dèidhinn.
"Ciod a th' air tachairt'? C'àite bheil mi?" dh' fheòr-
aich i, a' suidhe suas.
"Cha 'n eagal duibh a nis ; tha sibh air tighinn chuige;"
ars' Annag le toil-inntinn : " Bha eagal orm nach robh sibh
dol a dhùsgadh tuilleadh ; " agus chum Annag an t-seann
làimh mhin 'n a làmhan beaga fhèin, 'g a sllobadh gu tlus-
mhor.
"Seadh, seadh, tha cuimhn' agam a nis," arsa Slne, "bha
ribein a dlilth ort : trobhad 's gheibh thu e."
" Coma leibh an ribein an nochd ! " ars' Annag ;
" Tha na bèisdean sin air falbh, agus faodaidh sinn ur
u-ùine 'ghabhail."
"Seadh, ciamar a thàinig d' athair dlreach 's an àm
cheart; innis domh na h-uile car," arsa Slue, aig a' cheart
àrn a' dol do 'n bhùth, agus a' nochdadh nan ribein do
Annag ; a chionn bha a h-inntinn air Moileag, agus fadal
oirre faighinn g' a h-ionnsuidh. " Ruith mise do 'n dail, far
an robh m' athair, agus dh' innis mi dha gu 'n robh na
ceàird a' dol a ghoid na bha 's an tigh agaibh, agus thàinig
e leis na giUean an tiota, 's cha do thill iad fhathast o
fhuadach nan ceàrd as an àite."
" 'S tusa, 'Ghràidh, a rinn an tùrn math dhomhsa 'n diugh.
Bheir thu leat an ribein so, — 's e 's bòidhche 'nam measg
uile — 's cuiridh tu air a' mhaighdinn-bhuana e, mar chomh-
arradh beag air an taingealachd a tha lìonadh mo chridhe
an diugh. A nis, falbh is innis do d' mhàthair gu bheil a h-
i\ì\e cùis gu math, — tha i trang, agus cha 'n fhaod i feuch-
ainn ri tighinn a nall an nochd."

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence