Skip to main content

‹‹‹ prev (92)

(94) next ›››

(93)
91
uile f heoil, mar a dh'àìthn Dia dha : agus
17 dhruid an Tighearna stigh e. Agus bha
an dìle dà fhichead là air an talamh, agus
mheudaicheadh na h-uisgcachan, agus
ghiùlain iad an àirc, agus thogadh suas i
18 os ceann na tahnhainn. Agus bhuadhaich
na h-uisgeachan, agus mheudaicheadh iad
gu h-anabarrach air aghaidh nan uisg-
19 eachan. Agus bhuadhaich na h-uisgeacha
gu ro-anabarrach air an talamh ; agus
chòmhdaicheadh na beanntan àrda uile, a
520 bha fuidh na nèamhaibh gu lèir. Cùig
iàmh-choille deug air àirde bhuadhaich na
h-uipo;eachan ; aous chòmhdaicheadh na
beanntan.
21 Agus dh'eug gach uile fheoil a blia
gluasad air an talamli, araon do eunlailh,
agus do spreidh, agus do bheathaichibh,
agus do gach ni a shnàigeas a ta snàigeadh
22 airan talamh, agus gach uiledhuine. GacK
ni aig an robh anail na beatha ann an cuin-
einibh a shròine, do na h-uile a bha air an
23 talamh thioram, dh'eug iad. Agus sgrios-
adh gach uile dhùil a bha air aghaldh na
tahnhainn, araon duine agus ainmhidh,
agus an creutair a shnàigeas, agus eunlaith
nan speur ; agus sgriosadh iad bhàrr na
talmhainn, agus dh'f hàgadh a mhàin Noah,
24 agus na bha maille ris san àirc. Agus
bhuadhaich na h-uisgeachan os ceann na
tahnhainn ceud agus leth-cheud là.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence