Skip to main content

‹‹‹ prev (50)

(52) next ›››

(51)
49
do gliìòralch e. Bhrosnuich a ghiulan foigh-
idin an Uile-chumhachdaich, agus am feadh a
bha a chridhe air a shcideadh suas le mòr-chuis
agus le àrdan, thàinig guth o nèamh, ag ràdh,
" O a righ Nebuchadnesair, riutsa tha e air
a labhairt, Tha an rioghachd air dealachadh
riut. Agus fògraidh iad thu o dhaoinibh,
agus bithiclh do chòmhnuidh le beathaichibh
na macharach : bhelr iad ort feur itheadh mar
dliaimh, agus theid seachd aimsirean thairis
ort, gus am bi fios agad gu bheil an Ti a's
àirde riaghhidh ann an rioghachd dhaoine,
agus g'a tabhairt do neach air bith a's àiU
leis.''
Air an uair sin fèin choirnhhonadh am
bagradh eagallach so. Bha Nebuchadncsar
air fhogradh o dhaoinibh, agus dh'ith e
feur mar dhaimh, agus bha a choluinn fliuch
le deaìt nèimh, gus an d' fliàs 'fhionna mar
chloimh na h-iolaire, agus 'iongannan mar
spuirean eun.''' Tha an eachdraidh so a'
nochdadh dhuinn gu soilleir cia cho gràineil \sa
tha sealladh àrd agus inntinn uaibhreach an
làthair an Tighearna. Dhiult Nebuchadnesar
chu agus urram a thabhairt do Dhia air
son nan nithe iongantach a choimhlion e d'a
thaobh, agus air an aobhar sin chaidh a
chrannchur a shonrachadh dha am measg
bheathaichean na macharach, gus an robh e
air iriosalachadh 'na chridhe, agus gus an d'
thuo^ e umhlachd do'n Ti a's àirde. O an

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence