Skip to main content

‹‹‹ prev (15)

(17) next ›››

(16)
GAELIC AND ENGLISH POEMS.
D U A NAG.
An uair a bha mi mu f hicliead bliadhna dh'aois, 's mi sgriob car
mios de'n t-samhradh aig au tigh 'an " Coire-bheag," thainig mo
bhràthair a b'òige là 'bha'n sin dhachaidh as an sgoil, 's thug e orm
am fuaghal a bh' agam a chur bhuam, agus mi-f hein ullachadh gu
dol a mach leis, ag rkdh gu'm b'f hèarr dhomh 'bhi 'g obair air a'
bhuntata na 'bhi 'm shuidhe stigh. " Dian òran air sin a nis," os
esan, agus fhad's a bhios, tu ga 'chur ri ch(^ile, gabhaidh mise mo
bhiadh. 'S e bh' ann gu'n do thoisich mi mar a leanas :—
FoNN : — "An cluinn tlai leannain cm cluinn thu."
Ax cluinn thu mi, 'Mhali,
Ged tha thu cho ban,
'Ad shuidhe air cathair,
A' fuaghal le snaith'd,
Gu'm b'fhèarr dhut 'bhi 'mach ud
Ag obair le grab,
A' dianamh 'bhuntàt' a bhurach.
Na'm fàgadh tu Glaschu,
Le 'thatraich 's le 'smììid,
'S gu'n tigeadh tu dh'fhuireach
Gu bunaibh nan stùc,
Gu'm biodh tu gu beadrach
Mu "Bheagaig" nan lùb,
'S gu'n cinneadh tu 'd fhlùran ùror.
Us ged tha do ghruaidhean
Cho tana 's cho ban,
Gu'm fàsadh tu snuaghor
Le buadhan an t-sàil,
'S do leoir ol 's a' bhuailidh
De'n chuach-bhainne bhlàth —
'S e dh'fhàgadh tu laidir liithor.
O, eirich 'us tiugain
'Us theid sum le chèil',
An àirde do'n bhruthach
'An deaghaidh na spreidh',
'Us cluimiidh sinn orain
Bho coin bheag an t-sleibh,
A's binne na tend 's an diithaich.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence