Skip to main content

‹‹‹ prev (254)

(256) next ›››

(255)
Tha do bhaintighearna ghaoil
Fo mhulad mu d' thaobh,
'S mor am beud nach bu shaor a duthich ;
Nighean Eachinn bho 'n chaol,
Aig am biodh an crodh laoigh,
'S cian 's gur farsuinn 'chaidh sgaoileadh cliu air.-
Ach na biomaid fo f hiamh,
Biodh ar dochas san Triath
'Tha uil'-f hiosrach a riaghladh chuisean.
'N uair a dh' eireas a ghrian,
Thig oirnn soinionn is fiath,
'S seolidh Ailain o 'n iar ga 'r n-ionnsidh.
CUM HA
Do Thearlacli Mor Mac-Gilleain^ Fearna Sgurra,
ami san Ros Alhuileach.
LE CALUM MAC-AN-FHLEISDEIR.
Air m' f hacal fior ann an cainnt,
'S ann 'san Sgurr a bha 'n call ;
Bha fath na h-ionndrichinn ann,
'S cha bu chaorich air ghleann,
No eich air fuaran nam beann,
Ach fior dhuin'-uasal gun mheang ;
'S mor tha 'dhith fear do rainn bhon dh' eug thu.
'S mor tha dhith, &c.
Bu duine macant' a bh' ann,
A bha seircail gun sgraing ;
Ach nan cuirteadh ris teann
Bh' aige tiiisneach is ceann ;
Bu tearc Gaidheal no Gall
'Bhuidhneadh cuis deth air laimh,
'Nuair a chuireadh e 'chainnt an geill daibh.
B' e sud am baile gun sunnd,
'S ceann na misnich san uir,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence