Skip to main content

‹‹‹ prev (236)

(238) next ›››

(237)
Ge dana dhomh ri raitinn sin
Thug nadar dhuil na 's leoir,
Cho mor 's gun d' rinneadh ban-righ dhiot,
Gun ardan, gun ghne phrois.
Cha n-f heil cron ri aireamh ort
A dh' f haodadh fas air feoil ;
Am nieasg bhan og is mhaighdeannan
Mar dhaoimean thu 'measg oir.
Am measg nam ban gur sgathan thu
'Toirt barr orra anns gach geall ;
Is bachlach, buidhe, sniomhanach
Gach ciabh "tha air do cheann ;
Tha do ghruaidh cho dreachar
Ris na h-ubhlan datht' air crann ;
Suil chorrach ghorm mar dhearcagan,
Mu 'n iath an rosg 'tha mall.
'N taobh staigh de 'n bhile dhathte sin
Tha deud geal, cailce, grinn ;
O 'n ceolmhoire 'thig orain
Na na h-organan a seinn.
Mur h-'eil cron am falach ort,
'S e bharail 'sa bheil sinn
Gu"n tilg thu-fein is Bhenus
Ann an dealbh 's an eugas croinn.
Trian do mhais' cha n-innsear learn
A dh' aindeoin ni de 'n can ;
Braighe mar chuan linnginneach
Fo 'n aghidh mhin gun smal,
Gur corrach geal na ciochan
'Th' air do bhroilleach lionte glan ;
Glac gheal, mhiar-f haineach, f hinealta,
'Tha teom air gniomh nam ban.
Fhad 's a mhaireas Albannich
Biodh iomradh ort air bhuil ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence