Skip to main content

‹‹‹ prev (224)

(226) next ›››

(225)
Thanic fear a staigh gam ghriobadh,
'Dh-innse gun danic am pige ;
Fhuaras botu], 's lionadh slige
Le binn ghliog is cronan.
Ged nach robh ann moran dibhe,
Leig iad a dh-ionnsidh an cridh' i,
'S l)ha fear an drasd is a rithisd
'Dol gu bruidhinn ghorich.
Thanic fear an nuas le mi-mhodh
Gu e-f hein a chur an ire,
'S thoisich e air bleilh nan ingnean
Gu mi-f bin a sgrobadh.
Thuirt mi ris gu guineach, fiadhich,
Ma 's e mi-stath 'tha thu 'g iarridh,
Is docha gun cuir mi m' f hiacil
Air iochdar do sgornain.
Dh' eirich mi gu grad 'am sheasamh,
'S bhon a bha e dahna, beadidh,
Thug mi sgailc dha 'rinn a leagadh
Agus breab mu 'n bhodhan.
Chaidh cuid de na nr gu riasladh.
Is thuit ceathrar dhiu sa ghriosich ;
'M fear 'bu luige bha e 'n iochdar
'S thug iad stiallan beo as.
Ged a thoisich iad air buillean,
Cha robh mi f hin a cur cuir dhiom,
Gus 'n do mhaoidh iad air mo mhuineal,
'S air duileasg mo shroine.
Rug iad orm mar phasgan sgiobalt,
Thog iad mi 'm mach thun na sitig,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence