Skip to main content

‹‹‹ prev (222)

(224) next ›››

(223)
213
EACHANN MAC-LEOID.
Hector Macleod was born in Uisl. lie lived in
his native island previously to 1745. He resided
after that date chiefly in the districts of Arisaig
and Aloror.
COILLE-CHROIS.
LE EACHANN MAC-LEOID.
M' ionmhuinn is m' annsachd thu is mo thlachd,
Dha 'n dug mi toirt !
Cha n-aichainn do 'n chleir nach deaninn stad J^
An coill sin Chrois.
'S binn cruit cheolar is clarsach cheart,
'S piob le 'cuid dos,
Ach 's binne na h-eoin a seinn mu seach
An coill sin Chrois.
'Dh-aon innleachd de 'n d' f huaradh am mach
Gu 'r dion bho 'n olc
'S fearr dubhar nan craobh le smaointinn cheart
An coill sin Chrois.
Ged bhiodh tu gun f hradharc, gun luth nan cas,
'Ad dheoiridh bochd,
Nam bu mhath leat do shlaint' thilleadh air ais,
Ruig coill sin Chrois.
Aig ailleachd a luis, misleachd a meas,
'S feabhas a bhlais,
Cha n-iarradh tu sholas, nam biodh tu glic,
Ach coill sin Chrois.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence