Skip to main content

‹‹‹ prev (220)

(222) next ›››

(221)
Gur h-iomadh gill' og 'tha laighe
Gun bhean-taigh' aige ri 'chliathich,
'S e trom-inntinneach, gun aighear
"H-uile latha de na bhliadhna,
Aig cho ard agus 'tha 'amharc,
'S e le athir air a riaghladh. —
An te 'gheibhear leis cha ghabhar,
'S an te nach faighear 's i 'dh' iarrar,
Is e neo-ghlic.
Gur h-iomadh oganach falamh
A's math "s aithne dhomh "am eolas,
A thagh diasanach de chaileig
An teas a fala 's a feola.
Ma tha thu gun or am bannibh,
Gun chrodh-ballach a ni storas,
'S e dol 'an toiseach na h-aimbeirt
Del ann an ceangal ri leodaig
Le ribin breac.
Ma 's a fleasgach 'tha Ian boch thu,
Tagh do stochd is do ni gluasid,
Is tagh a reii sin do leannan
Mun deid i tharad an uabhar.
Ma 's aill leat 'bhi sona, socair,
Thoir bean a toiseach na tuatha ;
Gur h-iomadh fear 'chaidh a mhealladh
Le dol an Ian f huil nan uaisleen,
'S le ar-amach.
Tagh aobharrach mar bhean-taighe
'Bhios tuigseach, mathasach, suairce,
A thogas laogh agus gamhinn,
'S a ni crodh 's aighean a chuallach.
Ma bhios da cheaird air a lamhan
Nar a lughaid ort a ghruagach ;
Ma ni i sud dhuit gu ro mhath,
Is nigheadh, dreasadh, is fuaigheal,
Is grinneas bhan.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence