Skip to main content

‹‹‹ prev (216)

(218) next ›››

(217)
207
Gur h-oil learn ar n-aodach
A chaochladh cuma ;
Ach theid sin a dhioladh
Mu gheata Lunninn,
Leis na fleasgich bhoidheach
'Chluicheas mar na leoghinn,
'Chuireas geilt air Deors'
'S a luchd-comhnaidh fuileach.
Theid righ Deorsa dhachidh,
'S cha n-iarr duin' air ais e ;
Bidh Tearlach 'na righ,
'S bidh pris air na breacain.
ORAN NAM BANTRAICHEAN.
LE IAIN MAC-CODRUM.
Tha na bantraichean ga m' sharuch',
'S gun agam mu dheidhinn pairt diu ;
Obh ! och ! mo chall is mo naire,
Falbhidh mi 's fagidh mi 'n tir.
Theireadh iad gur mi ';? coi'reach.
Mi ';/ coireach, mi ';/ coireach,
Theireadh iad gur mi ';/ coireach^
Ged a theirinn-sa nach mi.
'M Pabuill, 's an Sannda, 's an Sollas.
Gum bi dream dhiu anns gach dorus ;
Leis mar 'chuir iad ann am bhoil mi
Theid mi 'sgorr 'sam faigh mi sith.
Thuirt te dhiu le comhradh caoimhnail,
' 'S math a b' airidh e air maighdinn,
'S math a cheannsicheadh e raoin'
An dorus faing ged 'bhiodh i 'strith."

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence