Skip to main content

‹‹‹ prev (211)

(213) next ›››

(212)
BHA CLAIDHEABH AIR IAIN 'SAN
T-SEARMAN.
LE DOMHNULL MAC RAONUILL.
'Nuair chual' an sar ghaisgeach am Prionns' bhi
fo airsneal,
Chuir e litir le cabhaig a tairgsinn
Nan deanteadh le reachd e 'na dhiuc is na
dheacair
Gun togadh e Sasunn is Albinn.
BJia daidheabh air lahi, air Iain, air Iain,
Bha claidheabh air Iain '' san t-searman ;
Bha claidheabh air Iain, fear deas laiinh fna
chridhe ;
'S e '' dheanadh an fhighe neo-chearbach.
Bha Iain gun teagabh gum faigheadh e freagirt
Mun deach e do 'n eaglis fo armibh ;
Is mhosgil na mnathan le iolach 's le aighear
'Nuair 'dh ealrich a chlaidheabh 'san t-searman.
Chaidh litrichean falich an null do Lochabar
A dh-innse gun deach e fo armibh ;
Ghabh an riaghladair curam, 's bha 'n geard air a
dhubladh
Air eagal 's gun duisgeadh e Albinn.
Leis na dh'eirich na phoribh de dh-ardan Chloinn-
Domhnuill,
Nam bitheadh a phoca Ian airgid,
Gun dugadh e dhachidh dhuinn righ fir na
h-Apunn,
A dh' aindeoin fir Shasinn mur marbht' e.
'S iomadh oganach ullamh nach eiticheadh cumasg,
Bha gun chlaidheabh, gun ghunna, gun targaid,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence