Skip to main content

‹‹‹ prev (206)

(208) next ›››

(207)
'N uair a ruisgeadh tu ìi spolta,
Nach robh lodail r'a faicinn,
Cha bu shlachdan aig oinnsich
Claidheabh mor aig a ghaisgeach.
'S math thig boineid le fabhar
Mu d' chul fainneach donn socir,
'Dol an coinnimh do namhid,
Air each ard na sar choiseachd.
Cha b' e fuath Mhic-a-MhailHdh
Fear do ghnath is do chohais ;
An am suidhe 's taigh-thairne
'S tu gum paigheadh na botuil.
Nam biodh Uilleam, an Diuca,
'S tus an tus a chruaidh thoitail,
'Deanamh casgirt le 'r luth-chleas
'S tus' a bhuidhneadh an trod ud.
Nan d' f huair thu g' a ionnsidh
Le d' chlaidheabh cuil an ceann socir,
Gun robh Uilleam le d' shugradh
'Call a luth an Cuil-f hodair.
Sud na h-airm dhuit a thaghinn,
'Dhol air t' aghidh gu meanmnach,
Gunna, sgiath, agus clogid,
'S claidheabh socrach an ceanna-bheirt.
Ged chuirt' ceud de luchd-brochain
'S nan droch chasagan dearga,
Ann at aghidh a chogadh
Cha bhiodh gog dhiu nach marbht' leat.
Hector Roy Maclean of Duart, Eachann
Ruadh nan Cath, was killed at the Battle of
Harlaw in 141 1. His body was carried home to
Mull by the Macinnises and " Clann Mhic Mhaol
Mhoire " of Morvern. By the Clann Mhic
Mhaol Mhoire are probably meant the Clann
Mhic-Gillemhoire, or Morrisons.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence