Skip to main content

‹‹‹ prev (133)

(135) next ›››

(134)
Mala chaol a 's glan cuma,
Charaich nadar a h-urad gun chorr ;
Rosg mall is dearc lionte
Leis am meallar ard righrean na h-Eorp';
Gruaidh chorcura, mhin-dearg,
A ghluais m' osnich fo ionghnadh an t-sloigh.
Fuaim orghain na fidhe,
Ceol torghain na piob is nan teud,
Cha robh riamh ann 's cha bhi ann
Ann am binneas mar phiobibh do chleibh.
Ceol sior-bhinn fior shithe
'Teachd o uinneig mhin chruinn deirg do bheil;
Bilibh blath briathrach aluinn
Aig an ribhinn a's cnaimh-ghile deud.
'S ceart cho geal do ghlan bhraghad
Ri canach no trath shneachd air geig ;
'S corrach fineall' na tulich
'Dh' f has 'nam mulain air mullach do chleihh ;
Basan min', fada, bana,
Meoir ghrinn chaol gan abhist 'cur greis
Air seudan le or-shnath,
Dealbh iomhaigh gach eoin is gach eisg.
vSlios seimh mar an canach,
Corp seaghail mar eal' air an t-snamh ;
Calba cruinn ann an steimin,
Troigb aotrom a's cumadail sail ;
Mar a's cubhidh do mhorchuis,
Cha n-aithne dhomh 'n corr ort ri radh ;
Cha bheag is cha mhor thu,
Anns gach ni tha gu leoir ort gun bharr.
Nam biodh na h-urad aig each ort,
'S a tha agam s' a ghraidh air do neoil ;
Cha bu rabhart no mearachd
Leo mi 'labhirt mo bharail 's' mo ghloir.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence