Skip to main content

‹‹‹ prev (129)

(131) next ›››

(130)
MALI CHRUINN BONN.
LEIS A CHEISTEAR CHRUBACH.
FONN. — Carrig Fhearghuis.
Fhir 'shiubhleas an rathad
A dh-ionnsidh na dabhich
Uam imrich mo bheannachd
Gu Mali chruinn donn,
'Tha 'tuinneadh 'sa ghleannan
Aig alltan a cheannich ;
'S gur daoine gun tadhal
Nach tathich am fonn ;
'S i mar ionnas an tasgidh
Gun chunnart, gun gheasan,
'S 'na doighean fior thaitneach
Do 'n f hear 'rachadh ann. —
Ged 'bhidhinn am bharan
Air duthich Chloinn-Eachinn
Gum foghnadh mar mhairist
Leam Mali chruinn donn.
Tha 'pearsa ro bhoidheach,
'vS i tlachdmhor 'na comhdach,
'S tha taitneas 'na comhradh
Mar smeorich nan gleann.
Tha uaislean is treun laoich,
Tha truaghain ts feumich,
'Toirt tuairisgeul gleusda
Mu 'feum anns gach ball.
Gun d' f haoiltich mo chridhe
Nuair 'rinn i rium bruidhinn ;
'S b' e mo bheatha gu tighinn
A rithisd an nail.
Bha 'h-aogasg gun smalan,
Bha caoin air a rasgibh,
Bha gaol air a thasgidh
S a chridh' 'bha 'na com.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence